Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 443 hits for cho

--blank--
ipv.:gabh e [òran]!; vbl nn: cha robh mi ‘ gabhail sian orm air an òran;'s i ' ~ail oirre, mas fhìor; tha mi ‘ dol a ghabhail orm [‘pretend’] gur e Gypsy a th’ ionnam; [‘is possible’]: rinn mi chuile sian a ghabhadh dèanamh innte; tha siud cho ceart 's a ghabhadh e; chaidh duine a mharbhadh a ghabhadh sàbhaladh muram biodh Latha nan Car ann;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
(4) Tàbh beag
Ni bun slait chreagaich cas do’n tabh so. Chan fhaca mi ann an àite e ach ann an Uig an Ungaisiadar. Tha e air oibreachadh mar poca chudaig – a’ crathadh a’ phronnabhiadhaidh ’na bhroinn. Tha e cho aotram is nach leig thu leas fear sgròbaidh, dòirtidh tu fhein na bheir thu gu tir de chudaig do pheile no do chliabh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
(5) Tàbh mór
’Se ‘tigh-thàbhaidh’ a chanas na Nisich ris an tàbh so agus faodaidh mi a radh gur e Nis dachaidh an taibh so oir tha iad ann ’nan dusain. Chan fhaca mise gin ach aon dhuibh [sic] anns an Rudha, ’se ‘am poca’ bhiodh againne is bha am poca againn cho pailt is a tha an tigh thàbhaidh aig na Nisich. Tha e cho mór is cho trom is gum bi buarach air a cur mu mheadhon an fhir a bhios ag obair leis, is fear air a chùlaibh ga cumail, oir na’n tigeadh muir tarsainn gun fhiosd is an tàbh a muigh bhiodh e dualtach car a chur do’n tàbh is an t-iasgair a tharraing a mach. Ag iasgach le tàbh mór tha iad a’ biadhadh na creige, is nuair a chruinnicheas na cudaigean chun a phronnabhaidh-so, tha an t-iasgair a’ sàthadh sios an tàbh air an taobh a muigh is gan crodhadh ann eadar an tàbh ’sa chreag. Tha e a’ doirteadh na ghlacas e air a’ chreig is togaidh na bhios timchioll do na peileachan iad. ’Se duine làidir a dh’fheumas tu airson tigh thàbhaidh oibreachadh, ach is e daoine làidir a tha anns na Nisich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Airleis
So airgiod a bhiodh gach te ann an criudha ri faighinn bhon chùireir nuair a cheangaladh iad fhein ris mus toisicheadh an t-iasgach. Tha cuid beò fhathast a thoisich air tasdan de àirleis, ach bha e cho àrd ri deich tasdain an te nuair a sguir iad a dhol ’nan treudan chun an iasgaich so.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
An Eaglais Stéidhichte
B’e seo an Established Church. Agus mar a th’agam air an taobh eile, ’s ann riutha seo a chanadh sinn Na Moderats. Ach bho 1929 chan eil an t-ainm tric ’ga chleachdadh. Ach cho fad’s is aithne dhomh, tha e beò fhathast.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
An t-Abhaisteir
“Cho dubh ris an Abhaisteir”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
An t-arcach
So, tha mi a’ smaoineachadh an te a b’fheàrr aig muir is bu shàbhailte. Bha a toiseach is a deireadh a’ tighinn cruinn a steach chun an droma, is bha i fada na b’fharsaing eadar a dà ghualainn na bha i eadar an da shliasaid. Dh’eireadh i so gu bòidheach air gach tonn, a’ ruith na mara no dol ’na aghaidh, agus bha i cho easgaidh air an stiùir is gur e fìor dhroch sgiobair a leigeadh do mhuir tarsainn a thighinn air gun a ghlacadh air a sliasaid no air a gualainn.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
An t-earball
Dean an nis earball an lin bhig leis na tha agad sios fo’n taraig, le lùbadh air a fhein agus toinneamh da dhual a chur air ga ghlasadh le ‘splice’. Teannaich an nis pios den druim bhon tarag so sios cho fada ’sa leigeas cliathaich an tighe dhuit agus ceangail e ri tarag eile gus am bi pios math den druim agad teann eadar an dà tharaig. Nuair a chuir thu na calpan air an druim dh’fhag thu cas fhada agus cas bheag mu thri oirlich no beagan na’s fhaide sios fon charcair. Tha a chas bheag so air a toinneamh ris a’ chalp fhada is air a glasadh le snaim. Nuair a ni thu so air a chula calp a tha eadar an da tharaig tha thu ga fosgladh bho na tairgean agus a’ slaodadh uiread eile don druim le na calpan troimh’n ulaig is gan ceangal a rithist. Lean air adhairt mar so gus an cuir thu an toinneamh air a chula calp.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Cho fiachaill ri anam an fhuathaire
as precious as a giant’s soul. [NOTES: ‘fiachaill’ corrected to ‘fiachail’.]
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Cho sean ri ceò nam beann
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Cho seòlta ri Iamhar!
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Dorgh-dhragh
Faigh ceirsle de dhorgh-dhragh laidir nach bi cho caol ri dragh slait chreagaich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Druim an lin
An t-sreang air fad ris a bheil na snotaichean ceangailte. Tha trì eatheannan eadar gach snòta no dubhan. Chan eil sreang na snòta cho garbh ris an druim ach tha i air a dual dùbailte.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Fionn
Quotation: Tha e cho fada ’s a cheann ’s a bha Fionn ’s na casan.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Mogul
Tha da oirleach anns gach mogul anns gach lion ùr. Leis a’ chartadh agus leis cho tric is a bhios iad anns an fhairge tha gach mogul a’ fas na’s cuinge gach season, gus mu dheireadh cha bhith na lin so gu feum ann an iasgach an t-samhraidh. Bidh iad gan cur gu feum anns a’ gheamhradh agus as t-earrach gu glacadh sgadan beag na lochan. Tha cuid de na lochan cho salach le sgeirean is le bóghaichean is nach fhaigh na bàtaichean air ‘druftadh’ annta. Bidh iad mar sin a cur badan lion air acraichean annta aig tuiteam na h-oidhche is gan togail aig tighinn an la.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Na h-Orduighean Beaga
Cho fada ’s is aithne dhomh ’s ann an Leòdhas a thòisich seo. Orduighean beaga aca eadar na h-òrduighean suidhichte, aon uair, no smaite barrachd air aon uair, anns a’ bhliadhna. Cha chreid mi gu bheil comanachadh aca aig na h-Orduighean Beaga idir. Chan eil mi cinnteach am bheil Là Ceist fhein aca. Cha chanainn gu bheil.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
Seine nets
An diugh ’se ‘seine-netters’ a tha anns a’ chuid as motha de iasgairean Leódhais ag iasgach an eisg ghil is na musgain caol. Chan eil an obair so cho cruaidh oir tha iad anns a’ chidhe a chula h-oidhche. Cha t-fhuair mi eòlas ’sam bith air an obair so.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Sgoth Niseach
Bha toiseach is deireadh na sgoth Nisich a’ dol cho cas a steach chun an droma is gu robh moran throighean a dh’eadar dhealachadh eadar a druim agus fad a h-uachdair. Bha iad so math da rireabh gu ruith na mara agus gu dol ’na aghaidh. Dh’eireadh iad air an t-suala ach cha robh iad èasgaidh air an stiùir ann am muir tarsainn, is chaidh iomadh te dhuibh [sic] a chall a’ deanamh air Port Nis is muir tarsainn a’ tighinn orra bho thìr.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Siaplaich
Slaodadh na ‘flies’ air do shocair troimh’n uisge le do shlait air a’ chreig. Bidh cuideam beag luaidhe air an driamlach os cionn na ‘flies’. Tha thu a’ tilgeil a chuideam so a mach cho fada ’sa leigeas an dragh leat is ga shiaplaich a steach air do shocair gu bun na creige.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Slaopadh
Ga chur gu feum cha teid ach slaopadh a dheanamh air a’ mhaorach. Nuair a bhlathaicheas e anns an t-slige air an teine cho luath as urrainn dhuit am biadh a chur as an t-slige le bruthadh bho t-òrdaig mhóir, tha e slaoipte is deas gus a chur air an dubhan anns an sguil no a thoirt leat chun a’ chreagaich. Ma leigeas tu goil leis tha am biadh a’ dol cruaidh is gun fheum airson iasgach leis.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Tabh
ocean (still used) very seldom – an Atlantic. Mar a theirear an diugh ’s docha is fheàrr a chòrdas riutha – cha ’eil e cho old fashioned. [SLIP: Ocean. Occasionally used for ‘Atlantic’.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Tha i cho caol ri clobha.
Origin: Barra
Category: Crodh / Cattle
Tha i cho reamhar ri ròn.
Origin: Barra
Category: Crodh / Cattle
[An Ceasnachadh]
Ni eile a bhiodh aca (aig na Moderats), b’e sin An Ceasnachadh – ceasnachadh mu ghnothaichean a’ Bhìobuill ’s a’ chreideimh. Cho fad’s is aithne dhomh cha robh An Ceasnachadh aig an eaglais againne idir (An Eaglais Shaor Aonaichte).
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
[Là Taingealachd an Fhoghair]
La eile a bhiodh aca agus a bha iad a’ cumail glé mhath: Là Taingealachd an Fhoghair. Bha iad a’ cumail an fhir-sa cho cùramach ri Là na Sàbaid.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
[Seanfhacal 17]
Cha teid an còta glas cho math dh’an h-uile fear.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[Seanfhacal 46]
Cho fad’s gun tàr am meirleach as, glacar e.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[Seanfhacal 8]
Cho fad’s a mhaireas, maireadh; ’nuair bhios sinn falamh, bithidh sinn ann.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[aghaidh]
Chanadh iad againne, a maoidhean òirnn nuair a bhiodh sinn crosd nuair a bha sinn òg: “Cuiridh mi ìomhaigh na h-agh’ dhiot.” Cho fada agus a thuig mise, có dhiu, ’se “cuiridh mi ìomhaigh na h-aghaidh dhiot” a bha iad a’ ciallachadh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[alaid]
An latha roimhe ’s mi ’fuine thainig am facal “alaid” a steach orm – a’ mhin thioram a bhios sinn ag cumail eadar an taois is an clàr. Cha chuala mi e bho dh’fhàg mi dachaidh m’òige – ’s dòcha gu e is aobhar gu bheil an fhuine air dol a mach a cleachdadh gu ire mhóir – ach chan ’eil mi ’ga lorg ’s na faclair. An alaid a bha chòrr an deidh na fuine, ’sann a shaitheach nan cearc a chuirt i ’s chan ann air ais do’n chiste – bha a’ mhin ’na ni cho glan ’s luachmhor ’san dachaidh ’s nach fhaoidte a truailleadh gu na h-ìre ud fhéin.
Location: Lewis, Stornoway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[an-amharusach]
“Tha e cho an-amharusach.” – duine suspicious.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[aois]
“’S minig a chaill do cho aoise bliadhna an earraich dhuibh.” – refers to the working capacity of people despite their old age.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[a’ tional maorach]
A reir de cho pailte s’ atha iad than giomach ri bhith air iasgach le cliabh ’s a chum fharlainn pailte a leabag mar bhiadh. Tha an crùban gaolach air iasg ùr, mar is bitheanta sòrnan is fhearr, air neo cudainn. A reir a pailteas air a’ ghrunnd b’e doigh(ch) a b’fhearr far a biodh faochaig pailte gach clach is feamann air neo roc a ghlanadh air fala as do rathad air thaobhs gu faodach leisinn [?] air an togail le’d dha làmh ’s gan cur anns a phail an triseach, sin do’m phoca. Fagaig an sin a fhaochaig, fiasgain ’s fhearr am fasgann dar a bhios i eadar an da luinn dluth air uisge fresh s mur a s bitheanta far am bith iad pailte mar sin gheobh thu pearls annta chionn tha iad nas mutha. ’S doich air a bhairneach darna cuid clach ma dha phùing le oir car giar agus a bualadh a sios a rathad le oir na cloicheadh [?], a bualladh [?] le cabhag. Bu [?] sput fish daonnan a miosg geineich gheal agus far a feic thu i spùtadh tha thu gan grapadh as a gheinich gus a bith do bos agad am breallach air an aon (àn) doigh[.] Tha esan a sputadh cuideach le cabhag a dheanadh tha ga fhaotain[.] Far am bith na cockles pailte tha iad air barr a ghrunnd le muir traigh (Càn a mach). Slige chreachain fheamadh tu a togail far a ghrunnd far a feicedh tu a ach gu math bitheanta tha i ’sa làthaich a bharrachd air a bhith ’s a gheinich[.] Lungaich chi thu uraball air barr na criadh, tha thu ga glaochach [?] mar gum bith [?] buain buntata ’s am piocadh a mach. Se buain lungaich a chanas iad. Feama tu an fheamainn dhubh a ghearradh far na creigeadh le corran. ’S an fhior aire a thuibhairt (a thoirbhairt) gum bith toll taomaich anns a bhata bhios ’ga giùlan[.] An doigh a bh’aig na seanna Ghàidheal b’e basgaid sgadain bhi shios mu dheireadh air urlar a bhàta ma biodh i luchdaichte chionns nach phlod (plod) an fheamainn dhubh[.] Phlodaich gach roc is gach feamann eile gad a bhiodh bata a stealladh dorlach uisge. Fear a bheil faiche ghiomaich na pairce beag de ghaineach air beulaibh an tuil agus dar a dh’itheas e am biadh tha e ’g ithe beagan de’n ghaineach. (tiomalaich [?])
Location: [Mull], Tobermory
Category: Maorach / Shellfish
[bainne-air-bhinid]
Na h-uibhir de mhin, de bhainne, agus na h-uibhir de shalainn, air a chur ann am binid (stamag) an laoigh agus ’ga chrochadh an àirde gu’m biodh feum air airson bainne-air-bhinid. Agus dheanadh e sin a cheart cho math ri stuth ’sam bith airson an aobhair a gheibh sibh as a’ bhùth. Cha robh na bodaich gun tùr!
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Crodh / Cattle
[beag]
Chan fheairrd duine bhi cho beag sud. It ill becomes a man to be so niggardly as that.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[beartach]
Cho beartach ri Iùdhach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[beurr]
Anns na Baigh anns an sgìre againn (Uig an Iar), ’se ‘beurr’ a chanas iad mar a chanas sinne ‘geur’ [q.v.]: “Tha e cho beurr.” [SLIP: Said in ‘na Baigh’ (Sgìre Uig) for ‘geur’ – ‘witty’.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[biorach]
Tha i cho biorach thuige. – Cha leig i facal as a bheul gun a bhith aige.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bochd]
Cho bochd ri luchag eaglais.
Location: South Uist, Smerclete
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bodhar]
“Tha e cho bodhar ris an talamh.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[boirionn]
Feminine (used of a man). “Tha e cho boirionn.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[breitheamh]
Cho suidhichte ri breitheamh. As sober as a judge.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[breun]
Tha e cho breun ris a’ bhroc. – Cha tugadh e dhuit fiù chow.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[briathrach]
Cho briathrach ris a’ charran-mac-fithill. – As blithe as an oyster catcher. (Chan eil mi cinnteach mu’n charran-mac-fithill, co a bh’ann. Faodaidh sinn comhradh mu an chuis uaireigin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bréid na bròige]
Cho dubh ri bréid na bròige. – Soiled black. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin. Tha cuimhne agam fhin a fhaicinn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bròg]
Na pàirtean aig bròig. An dà phàirt mhór aig bròig: An t-uachdar. Am bonn. Beul na bròige. An strap-sàileach. Na sùilean. Sàil na bròige ’s Sròn na bròige aig a’ cheann eile. An cnap. An seangadh – ’S ann mar ‘faigheadh’ (fuaim caol) a chanas sinne seo. Ach ’se seangadh a th’ann cho fad’s is aithne dhomh. Far am bheil a’ bhròg a’ fàs seang. An dearcadh. Am balt. An teanga. Am fraochan. Bròg-built – Bròg air a’ fuaigheal le sreangan. (Sreangan – shoemaker’s thread.) Bròg built tonnidh [?] sibh i le gréim air sròn agus sàil. Bròg air a fuaigheal leis an iarunn, tha i cruaidh. Pàirt eile de an bhròig: Am bonn linigidh – tha seo a stigh fo an bhonn mhór. Cho dubh ri bréid na bròige, chanadh na bodaich. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bualadh]
Anns a’ bhaile againn fhìn chan fhaca mi duine ri bualadh duine eile a riamh. Cha [sic] fhaca mi fhìn duine ann an greim. No a’ tarruing na làimhe air dhòigh sam bith. Chunnaic agus chuala mi trodan ’s mar sin ach sin uile e. Chan fhaca duine daoine a riamh cho ciallach agus cho cliùiteach riutha mar sin. Ged a bha nithean anns na gnàthasan-cainnte a chuir mi steach thugaibh, a shaoileadh sibh gu robh iad crosd is ann a bha sin a nuas bho làithean na b’aosda na chunnaic sinne. No bho àiteachan eile, ’s bho thighean-change, bho shabaidean aig òl, ’s bho shabaidean gun òl idir. ’S mar sin.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
[buan]
’S e maireach Diluain is bidh an t-seachduinn cho buan ’s a bha i riamh. Aodach or stùth buan – long-lasting cloth.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bùrn]
Cho saor ri burn. As cheap as water.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cachd]
Nach eil thu cho briagach ri cù cèaird agus cachd air a thon!!
Origin: Muile (ceann a tuath) [Mull (the north side)]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
[cam]
“Cho cam ri cù a’ mùn ann an sneachd.” (Cho cam ri cam.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[caora-uain]
a breeding sheep – chan eil ainm àrraid ’s am bith againn ach dìreadh caora-uain, cho fada ’s a chuimhnicheas mise.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[carach]
“Tha e cho carach.” – duine cunning.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[ceann]
“An rud a chuireas e ’n a cheann cuiridh e ’n a chasan e.” – Tha e cho deamhnuidh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cearc]
Bidh cearc an aon eoin a cheart cho trang a’ sgrìobadh le cearc aig am biodh a dhà dheug. Applied to a greedy person who wanted more than he needed.
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ceart]
Bu cheart cho math leam. I would just as soon.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ceò]
Tha è cho sean ris a cheò.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[coimpire]
Fear a bu cho-impire dhomh fhein. A man who was my equal.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[corraibh-ochanaich]
“Gheibh sinne e air do chorraibh-ochanaich.” – Gheibh sinne e ge b’e ’s bith dé cho mór ’s a bhios do dhorran no do dhuilgheadas. Agus bidh e coltach gur h-e sin a bhiodh ann. (Tuigidh sibh fhéin.) (Chan fhaca mi riamh ‘corraibh-ochanaich’ sgrìobhte.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuileag]
Cho lag ris a’ chuileig. – As weak as a fly.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuims’]
’Se cuims’! – The cheek! ’Se cuims’ loibht! – The bloody cheek! (Cha bhiodh an tè-sa cho tric ris an tè eile.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[cuisil]
artery or vein. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, ’se an aon rud a th’againn airson na dhà: cuisil. (Chan e ‘cuisle’ a th’againne idir.) (Cuisil, fuaimnich e: cuisill.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[curra]
Athais na curra air a’ churra eile ’s i-fhéin tòn-dubh. – Sean-fhacal. Duine a’ cur air duine eile ’s e-fhéin a cheart cho dona ris, no a’ deanamh an dearbh rud ’s a bha am fear eile a’ deanamh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[càch]
Theid mi ann cho math ri cach. I shall go as well as the others.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[còir]
Tha i cho còir ri na h-eòin. (An ceart-aghaidh tè a’ bhruic [see breun].) Aig na Lochan thall, ’s e “cho còir ris an fhaoileig” a th’aca.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[còta]
Cha tig an còta glas cho math do na h-uile fear.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga mhuirteir]
Man daga ’mhuirteir, e.g. ‘Na dh ith thu gu leòr?’ ‘Dh ith. Tha mi cho teann ri daga mhuirteir.’
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga-phort]
[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. (…) B’e facal eile a bh’aige “an daga-phot” air a chleachdadh mar seo: “Tha an t-aran seo cho cruaidh ris an daga-phot.” A bheil fhios agaibh dé idir as ciall dha’n an fhacal seo? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mord, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Ach am fear-sa, “an daga-phot”. Is e an daga-phort a bh’againne air.  (Tha mi fhìn agus Mord a’ Ghobha 3½ mile bho chèile.) Mìneachadh air an fhacal, no dé mar a dh’éirich e? Chan eil nì cinnteach sam bith agam. Dh’fhaodadh gu robh comhcheangal aige ri daga, agus dh’fhaodadh nach robh. Chuala mi aig bodach ’sa bhaile uaireigin (agus bhiodh am facal sin aca): “Cho cruaidh ris an deilg na bhìotaidh.” (vee’tee) Agus b’e seo saoilidh mi, an tignum-vitae, am fiodh air leth cruaidh. ’Se am fiodh-sa a bhitheadh a’ dol ann an roithleinean nan ulagan (block sheaves) séibhichean nam blocaichean, mar a chanadh na bodaich. Agus abair a bhith cruaidh de an fhiodh sin! (Faic mu’n fhiodh-sa ’s na leabhraichean fiosrachaidh.) Nise mu’n daga-phort, tha facal Laidinn eile ag éirigh rium, agus dh’fhaodadh gu robh comhcheangal air choireigin aige ris an daga (am facal): aqua-fortis. Dh’fhaodadh gu robh, agus dh’fhaodadh nach robh. Sin na th’agam mu an daga-phort, mur a tionndaidh nì sam bith an àirde.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga-phot]
‘Tha an t-aran so cho cruaidh ris an daga-phot.’ (Surely this is a most peculiar expression. Can any light be thrown on it?) ‘Tha e cho cruaidh is a’ bhuthaid’ is a common expression.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daor]
Cho daor ris an aran mhilis. – Very, very dear in price.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[deamhnuidh]
Tha e cho deamhnuidh. – Cho fada ’n a cheann.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[duine dòigheil]
Easy-going, self-control, patience. “Tha e cho dòigheil.” “’Se duine dòigheil a tha an Calum.” “Dòmhnull, ’s e cho dòigheil.” – happy, easy-going, patient. [NOTES: slipped under ‘dòigheil’. Definition: Easy-going.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[duine faisg ort]
“Tha e cho faisg (ort).” (Faic ‘duine amhaidh’ [q.v.] air an duilleig eile.) [SLIP: Friendly.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[duslach]
Mar an duslach (cho pailt). Canaidh iad seo an ceann-shuas Uige an Iar againne. Cha chuala mi riamh ’s a’ chòrr de an sgìre e.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[dèidh]
“Cho dèidh ri dà cheann eich.” “Am bheil Iain agus Tormod dèidh?” “Thà, cho dèidh ri dà cheann eich.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[falamh]
Cho falamh ri radan eaglaise. – Cha bhiodh móran ri a làimh airson feuma dha aig radan eaglaise.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[falamh]
Bhe e cho falamh ri eòin an adhair. – Cho gòrach (insane).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fallain]
Cho fallain ris a’ bhreac.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[faoileag]
Cho fiadhlaidh ris an fhaoileig.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[firichean]
Air d’ fhirichean. “Feumaidh tu a bhith air d’ fhirichean mus dean thu còcaireachd do Dhòmhnull.” – Feumaidh tu bhith cho math ’s a théid agad air mus dean thu còcaireachd do Dhòmhnull.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[firionn]
Masculine (used of a woman). “Tha i cho firionn.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[freagairt]
Am bi thu cho math agus mo fhreagairt? Will you kindly answer me?
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fritheilteach]
Tha i cho fritheilteach air. – She attends to him so well.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fùdar]
“Tha e cho brais ris an fhùdar.” – Cho aithghearr ’n a nàdur.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gaoth]
Cuideachd, Cho aotrom ris a’ ghaoith. – Nì sam bith aotrom.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gaoth]
Cho luath ris a’ ghaoith. – Mu dhuine a bhiodh air leth luath.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gealladh]
Gealladh gun cho-ghealladh. Promise without performance.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[geimeannan]
A’ h-uile gin de na geimeannan (no cluicheannan) a thog mi an seo shuas, cho fada agus a tha lorg agam, tha iad air an aon stéidh. Cha mhath tha cuimhne agam an diugh, gu mionaideach dé mar a bha iad a’ dol. Geimeannan am measg nan curracagan, abair sin. Gu leòir, agus feadhainn a bhiodh sinn fhìn a’ deanamh, a thuilleadh air feadhainn shuidhichte bho shean, mar falach-fead (bìog falach fead a bh’againne air.) Cha b’ann a’ fàs ’s a’ fàs na b’àirde chun an adhair a bhiodh na curracagan idir mar a bhiodh na làithean agus na h-oidhcheannan a’ dol seachad. Agus abair nach b’ann!
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
[gorm]
Cha robh e cho gorm. – He wasn’t so green.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[greannach]
cho greannach ri biast-dhubh ann an càrn – as irritable as an otter in a ‘cairn’.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
[grinn]
Well-mannered. “Tha e cho grinn ’s cho modhail.” “Tha e cho grinn.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[iarunn]
“Tha iarunn ann.” – Iasg anns am biodh dubhan an sàs. Gheibheadh tu iad seo uaireannan. Bha iad an sàs uaireigin roimhe ach bha iad air faighinn as air dhòigh air choireigin. Bhiodh iad cho caol a bharrachd air an fheadhainn eile.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[is ann a chara]
Cho fada agus a tha cuimhne agam, chanadh Jessag “Is ann a chara…” airson “Is ann a chàidh…”.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[la buain na monach]
’S e la mor a b’abhaist a bhith ann an la buain na monach, gu h-àraidh do’n chloinn. Bha a’ mhoine cho faisg air bailtean ceann shios an Rudha is gum biodh an sgiobadh a’ tighinn dhachaidh gu gach biadh. Dh’innseadh bratach dhaibh ’cuin a bhiodh am biadh deiseil. Bha searbhadair shoithichean, no pios aodaich air chor-eigin eile ga cheangal ri bàrr slait chreagaich fhada, agus rachadh duine leatha chun an tobhta, no eadhon suas gu mullach an tigh dhuibh ga cumail suas riu. ’S e urram mór a bhiodh ann do’n ghille a gheibheadh suas leis a’ bhrataich so, ach b’e a dhleasdanas airson na duais so an teine a fhrithealadh is gun a leigeil as, agus e bhith cinnteach gum biodh pailteas do uisge na tobrach ri laimh a’ chòcaire. Cuideachd, air an la so, bhiodh mìlsean ann, gu h-àraidh silidh, agus as docha lof, nithean a bha gle annasach roimh am a’ cheud chogaidh mhóir. Bhiodh cuid de thighean ann is cha bhiodh so aca, agus a chionn sin bhiodh e duilich dhaibhsan òigridh fhaighinn do’n sgiobadh aca. Bhiodh iad so aig amannan air an aoireadh ann an rabhd: ’An Dhomhnuill ’s cha bhi silidh ac’ / ’S cha bhith [sic] càil milis ac’, / ’S mise nach teid idir thuc’ / A dh’ithe bioraich shioman. Agus a ris: Bhuain dhan Donnach cha teid sinne, / So a bheir an Donnach dhuinn, / Buntàt’ athurrnach gus ithe, / Teatha gun shiùcar, ’s brochan lom; / Rionnaich ruadh’ thug bliadhn’ am piceil, / ’S bidh sinn seachdain le ar com. Nuair a rachadh la a shuidheachadh gu buain ’se la nan seachd sian a bheireadh orra an la sin a bhristeadh, agus bhiodh iad ’nam botunnan ’s nan oiliscin anns na puill. Cha chuireadh uisge stad idir orra, ach chuireadh sneachd. Bhiodh iad a’ buain na monach na bu tràithe aig an am ud is aig iasgairean agus aig clannighean an sgadain togail orra a Ghallaibh, a Shealtuinn is dhan a’ Bhruaich is bhiodh iad airson obair an fhearainn is na monach a bhith ullamh mas fhàgadh iad. An diugh chan eil a’ chabhaig cho mor, agus an diugh tha tentaichean an cois luchd na monach, eadhon ann an cridhe an t-samhraidh far an ruith iad ma thig fras. Faic ‘An Sireadh’ le Ciorstai NicLeòid as Paible an Rudha. T.D. 7-8 ‘Buain na Monadh’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
[lag]
Bha e cho lag ris a’ cheothaidh. – As weak as the mist.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[leisg]
Tha leisg cho mall agus gum bheil bochdain aig a sàil.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[liaghaig]
E cho geal ris an liaghaig leis an eagal. (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[lobhta]
Means of tying hay, corn, etc. for feeding: sreang crochte ris an lobhta no ris a’ bhalla agus clach fhreagarrach slaoda rithe ’ga cumail stòlda ’na h-àite. Lobhta – an t-sreang a’ deanamh snaim ann an seo. Am bad no a’ ghibeag fheòir am broinn na sreinge agus na creutaran a’ draghadh cho math ’s a dheadh aca air. Bhiodh a’ chlach dìreach aig bonn na lùibe de’n t-sreing, aig àirde fhreagarrach do na beathaichean.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[luath]
Cho luath ’s a rugadh tu. – As fast as you were born.
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[luath]
Cho luath ris an fhiadh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[làmh]
Cùl mo laimhe ri fear cho olc!!! – an objection!
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[làmh]
Cho math ri do làimh. – As good as you can. Cha robh Niall ach òg. Cha robh e glé chleachte ri bhith deanamh gnothach bhoirionnach . Ach dheanadh e gnothaichean gu math. Dheanadh e brota, ’s rudan de’n t-seòrsa cho math ri duine mór no ri boirionnach. “Nì e brota cho math ri do làimh” chanadh a mhàthair ri duine sam bith.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[lìon-mhór agus lìon-bheag]
Cho fad’s is aithne dhomh ’se an aon seòrsa ainmeannan aca mu an lìon-mhór agus mu an lìon-bheag.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[maide]
Cha chuireadh e maide ’n a phàirt. – Cha bheireadh e air cho math is ’g an dèanadh e e, a’ ruith as a dhéidh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[manadh]
“Cha robh thu cho dona ’s a bha mi cur air do mhanadh.” – Not so bad as I thought you were.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[maorach]
Tha oir-thir Sgìre Nis cho fosgailte do thonnan móra a’ Chuain a’ Siar is na creagan cho cas, is nach fhaigh móran maoraich cothrom fàs orra; Suas an Taobh Siar, gu h-àraidh mu Bhorgh, ’se creagan iosal briste a tha ann, is bidh an tràigh a’ fagail lùin móra a measg nan sgeirean sin a bheir fasgadh do mhaorach cladaich.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
[muinichill]
Cho aithghearr ’s a chaidh i ’n a mhuinichill. – How sharp she got round him.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[mór]
Bha e cho mor as fhein is ged a gheibheadh e mart air adhairc. He was as proud as a dog with two tails.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[mór]
Cho mor as fhein ris a mhac mhollachd. As proud as Lucifer.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Tha droch eagal orm gu bheil mi air an dà phàipear-sa mu dheireadh a dheanamh nas rapaiche agus nas ceàrra na a b’àbhaist dhomh a thaobh sgrìobhaidh. Ach tha sibh fhéin cho air leth seorp agus nach cuir sin maille sam bith oirbh.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
[note]
Chan fhaca mi dad de’n t-seòrsa a riamh cho fada ’s a tha cuimhne agam.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[note]
Tha an uine cho fada bho an bha mise ris an obair so, is nach ’eil cuimhne agam air far leth-dusan facal, agus is iad sin, tha mi cinnteach, bithidh agaibh mu thràth. Boyd. Bagh-a-Chaisteil.
Origin: [North Uist - according to the card index of Informants]
Category: Mòine / Peat-Working
[onarach]
“Cho onarach ri na glasan.” “Tha Tormod cho onarach ri na glasan.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[pailt]
Tha e pailt cho ard ruimsa [sic]. He is fully as tall as I.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[peighinn]
Is cho math peighinn a chaoimhnadh is peighinn a choisinn. A penny saved is a penny gained. [NOTE in second hand: choisinn corrected to chosnadh.]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[piantaiche]
’Se piantaiche a th’anns an t-sùlaire. – Cho cruaidh ’sa tha e ag obair.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[puinnsean]
Cho fuar ris a’ phuinnsean.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[righinn]
Cho righinn ri na goid.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[righinn]
Cho righinn ri na goid.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[rodaigeadh]
Chan eil cuimhne agam a riamh mi fhìn an obair-sa a dheanamh, ach ’s ann mar siod a bhà cho fad agus a tha lorg agam-sa. Nì àrraid eile, chan fhaca mi a riamh poll air a rodaigeadh. Agus mi air mo bhreith ’s air m’ àrach ann an saoghal na monach.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
[sail]
11. An taigh – lair, ionad an ROTH, nan AMAR, agus an uisge na thuil choprach thormach agus an ROTH ’na ghille-mirein a’ cur nan car cho luath s nach fhaicte ach lasadh loinnireach nan LIAGH. Bha an t-SAIL-BHUINN fodha. Chite an t-SAIL DHIREACH dol suas tre’n lar far an robh i an amal an t-SAIL AOTROMACHAIDH – the lightening beam. An t-SAIL BHUINN was the ledger-beam on which the propeller rotated.
Location: [Lewis], Leurbost
Category: Muileann Lochlannach / Norse Mill
[saillt]
Cho saillt ri muir an dà rudha.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[seachnadh]
Chan eil sian air an t-saoghal cho saor ri rud a dh’fhaodar a sheachnadh.
Location: South Uist, Stilligarry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sean]
Cho sean ris an iolaire riapaich. Cho sean ri na bruthaichean.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[searbh]
Cho searbh, mar sùgh nan sealbhag.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[searbh]
Cho searbh, mar sùgh nan sealbhag.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[seas]
Sheas iad aige. Thug am ministear, bho an chùbaid, an latha-sa latha-dubh air aon de an choimhthional aige. Bha dithis mac móra aig an duine a làthair anns an eaglais. A cheart cho luath agus a thàinig an sluagh a mach, an dithis fhear a bha seo sheas iad aig a’ mhinistear.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[seòl]
Is ann airson nach tigeadh orra a bhith toirt mu’n cuairt an t-sùil nuair a bhiodh iad a’ tacadh, a bhiodh iad ’g a chur an cùl an tobhta. Ach cha deadh an t-eathar cho cruaidh air a’ ghaoith idir leis an t-seòl an cùl na tobhta, ’s a dheadh i leis an t-seòl ’san dòigh àbhaistich. Agus cha shaoilinn gu’m biodh an crann glé riaraichte, a bharrachd. An seòl bac air a’ chrann, bha thu cur an eathair chun an taca eile gun an seòl a leagail ’s a thoirt mu’n cuairt. Cha robh seo fàbharach do an chrann idir, saoilidh mise, agus gun taca na hàilleard aige. Is ann nuair nach biodh a’ ghaoth glé làidir a bhithist a’ cleachdadh na dòigh-sa, agus airson tacannan goirid. An seòl an cul na tobhta: [see illustration]. An seòl ’s an dòigh àbhaistich: [see illustration]. An seòl bac air a’ chrann: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[seòlta]
“Tha e cho seòlta.” – duine cunning.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[seòlta]
Cho seòlta ris an t-sionnach.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sgìth]
Tha mi cho sgith [sic] ri cú. – I am tired out.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sgíth]
Tha mi cho sgíth ri cú. – I am dead tired.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sleamhuinn]
Cho sleamhuinn ris an easgainn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sleamhuinn]
Cho sleamhuinn ris an easgainn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[snog]
Bha e air a chuir air a’ ghlò cho snòg. When a field had been scythed neatly and all the stubble was of even length. [NOTES: note added above ‘ghlò’ – dhlòth.]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[socharach]
Carson a tha thu cho socharach? Why are you so compliant?
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sona]
“Nach e tha sona dheth.” – bha e seo againn. Tha againn: “Cho sona ri bó ann an loch.” “Cho sona ’s a tha an là cho fada.” [SLIP: no definition.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[sona]
Cho sona ri bó ann an loch.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[spìgeil]
“Tha sibh fhèin cho spìgeil.” – “Tha sibh cho math”.
Location: [Harris], Leverburgh, Kintulavaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[stamag]
[Stamag caorach/bà] Uill, ma tha, fhuair mi air adhart math gu leòir a muigh aig an ospadal ’s a’ phàirce goirid as deidh dhomh bhur litrichean fhaighinn. Bha mi a muigh dà uair agus fhuair mi na daoine mar a sheòl sibh dhomh. Ach chaill mi an duine mór fhein, am profeasar, dìreach le a dhà-no-trì mhionaidean a’ cheud là bha mi a muigh. Bha sin a cheart cho math, gus nach cuirinn dragh air airson rud cho beag. Ach fhuair mi Murphy agus chunnaic mi mionach caorach fosgailte. Agus thug Murphy a mach leabhar mór as a’ chùl. Sin, ma tha, mar a bha ’s a’ phàirce. Ach a thuilleadh air a sin, chaidh mi sìos air mo cheann fhìn chun an tigh-mharbhaidh air a’ Ghallowgate agus chunnaic mi mionach bà fosgailte ann an sin. Agus rinn mi cinnteach mu an nì a bha mi a’ lorg – an ceap. (…) ’S iongantach mur am faod sinn an ceap a chur mar seo an “ceap”. ’Se am broilein a bhiodh ann, agus bha an ceap air airson e bhith coltach ri ceap (bhiodh e cruaidh, làn, – dìreach ’na cheap – an còmhnuidh). Rud eile: an psalterium. Cha robh psalterium ’s an leabhar mhór aig Mgr. Murphy idir. ’Se seo, tha mi a’ tuigsinn, ainm eile airson omasum. (Seallaibh an àirde ’s na faclairean, mar a nì sibh.) A h-uile càil a th’ann feuchaibh mar seo iad: A’ mhaodal-mhór – dorsal sac of rumen. A’ mhaodal-bheag – ventral sac of rumen. An luamha – reticulum. Am broilein – omasum (psalterium). ’S mar a tha mi a’ togail “an ceap”. Abomasum – chan eil ainm sam bith agam do an seo. Nach bochd nach robh an t-seann fheadhainn beò gus an deadh sinn far am bitheadh iad airson a bhith ceart da-rìribh! Currac-an-rìgh – mur a h-eil mi ceàrr, ’s ann anns an luamha a bha seo: pàirt de an luamha. Is e an aon stamag a th’anns a h-uile càil a th’ann ach gu bheil i ’na h-earrannan.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sìoladh-fala]
“Tha sìoladh-fala ann cho brèagha ’s a chunna tu ann an duine a riamh.” – Dreach ’n a aodann cho brèagha – sìoladh fala. Agus craicionn brèagha còmhla ris a sin.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[teàrr]
Cho dubh ris an teàrr. – Oidhche dhorch. Tha e mar an teàrr (an oidhche).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tioram]
Cho tioram ris a’ mhin (buntàta). – mealy potatoes.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tioram]
“Bha e cho tioram ri cruaidh-chonnlach na h-àthadh.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tioram]
Cho tioram ris an spìon.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[toinisg]
Cha neil mi air cho bheag toinisg. I am not so void of sense.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[trom]
Cho trom ris an talamh. Cho trom ri na clachan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[tòrradh-rodan]
I remember hearing the expression: Bu cheart cho math leam a dhol gu tòrradh-rodan, when a person was asked to go to a wedding or some entertainment. ‘Tòrradh-rodan’ – unless it was an invented phrase.
Location: Harris, Scalpay
Category: Blàthan-Leighis / Medicinal Plants
[àrd]
Cho àrd ’sa sheòlas an ceathdubhan ’s ann ’sa chachd a thùiteas e. Applied to a conceited person. [NOTES: note added above ‘th’ in ‘ceathdubhan’ – (r).]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ùmhal]
Cho umhal ri luch fo spoig a’ chait. It’s submissive as a mouse beneath a cat’s paw.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
agaphort
Quotation: Tha e cho righinn (stubborn) ris an agaphort. [NOTES: a note in second hand – ‘See agafors.’]
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ailbhinn-dubh
Quotation: Cho dorcha ris an ailbhinn-dubh. Notes: ? the dark abyss. [NOTES: in second hand – as dark as the pit.]
Location: Skye, Strath
Category: Measgaichte / Miscellaneous
air son
prep. ‘for’: ’ toir’ taing ~ cho math ’s a fhuair iad air n-adhart; bha iad glè mhath ~ a chèile a chuideachadh; ach bha -- ai’son airgead a fhaighinn sa gheamhradh cha robh e furasta; ach cha robh iad nan tàmh air a shon sin ‘despite that’
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
air son
prep. ‘for’: ~ [əʂən] gearradh coilleadh; 3m: chan eil iad ro phailt, air a sh. sin ‘however’; tha mi beò fhathast air a sh. ‘anyway’; ’s e duine able a bha ann, air a shon sin; air a shon: tha mise air fàs cho dìchuimhneach, air ‘ shon
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
allaibh
[?] [ɑɫu̜] Quotation: Thiormaich e cho [ɑɫu̜]. Notes: “It dried so quickly.” [NOTES: slipped under ‘ealamh’.]
Origin: Locheport
Category: Measgaichte / Miscellaneous
am bàrr dearg
barr a ruic. Leasachadh cho math ’s ghabhas, cur air grunnd [?] gu sonraichte dar tha e lethghrod.
Location: [Mull], Tobermory
Category: Maorach / Shellfish
am fàilean
nùr fail cho fada ris an uaigh rachadh a chur air a h-uachdar. An rud mu dheireadh. “Dh’fhurich sinn gus an do chuir iad am fàilean air.”
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
am/ an
1 prep. ‘in’: bha i math an Gàidhlig 's am Beurla;am bi iad a’ dèanamh maragan an Èirinn am fuil; 1sg:: chaidh e ionnam cho mòr sin; 3m: cha robh pioc do dh’eagal ann; chaidh e ann a’ chuile sian [̼ | ʃɛn] a bha ann; cha robh ann nach tachdadh e duine; gu dè am beòthach a bhiodh ann; 3pl.: sguir iad a dhol ionnta (dha na h-eaglaisean aca fhèin); rel.: dhèanainn rud sam bith anns an cuirinn mo làmh; + ur: bha sibh nur daoine cearta
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
an tràsg
“Cho aotrom ris an tràsg”, chanadh am bodach mór. Bha e latha a’ bruidhinn mu cheusadh Chrìosda, agus thuirt e, “Chuir iad an crann air a mhuin agus dh’fhalbh e leis cho aotrom ris an tràsg”. Dé a bh’ann an tràsg? Bho dh’fhalbh am bodach, bha mi iomadh uair a’ smaoineachadh air. C’arson nach d’ fhoighnich mi dheth fhad’s a bha am bodach beo? Cha robh guth air a leithid an uair sin. An diugh tha mi tighinn uair is uair thuige gu’m faod gur h-e a’ chonnlach a bhiodh iad a’ cur air an àth nuair a bhiodh iad a’ tìoradh a bh’ann. Faic sràbhag. An t-sràbhag. Dh’fhaodadh aig cuid gur h-e ‘sràbhasg’ a bhiodh airson ‘sràbhag’, agus gun d’thàinig e gu sràsg, srà(bh)sg. Tha mi deanamh a mach a’ chonnlach a bha seo gu’m biodh i air leth aotrom mu’s biodh an tìoradh seachad. (Dh’fhaodadh gur h-e dìreach an tràsg a bh’ann. (Faic tràsgadh.))
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ancheard
Quotation: Bha e cho làn dh’an an ancheard. Ancheardach (adj). Notes: (Keose) jape/japing. Dw. has aincheard (marked obsolete), ‘buffoon etc.; buffoonery, low jesting’. Also aincheardach (not marked obsolete), ‘like a buffoon etc. (Armstrong); ingenious’. Note the quality of n in the Lewis words, and the different nuances of meaning.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
anns an tràigh shiol
Gràpa is corran. Bidh na siolan fodha anns a’ ghainmhich, agus gu faighinn biadhadh lion beag theid a’ ghainmheach a tionndadh le gràpa. Ruithidh a’ ghainmheach troimh spàgan a’ ghràpa a’ fàgail na siolan a’ placail air an uachdair. Nuair a bhios a ghainmheach cho fliuch, no nuair a bhios muir tana a’ ruith oirre, le bhith ruith troimh ’n ghainmhich le corran, fairichidh tu an t-siol ris a’ chorran is cladhaichidh tu an àirde le do laimh i. Gheibheadh tu air an dòigh so na dh’fhóghnadh airson a’ chreagaich.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
anàthach
careless. Would be used of post office – “Tha am post cho anàthach leis na pasgainn a tha mi a’ cuir air falbh.”
Location: North Uist, Grimsay, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ath-rughadh
Is e so an dara sùil a bheirear air a mhòine. Nithear rùmhain na’s motha leis na fòid a’s tiorma ’nam broin agus an fheadhain nach ’eil cho tioram air an taobh a muigh agus air am mullach . Le sìde thioram nithear ath-rumhain mhòra, ach ma tha an aimsir bog cha deanar ach ath-rumhain bheaga.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ coiseachd cho stopach
straight and perpendicular (army fashion).
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
a’ cur gu rathad
Nuair a bhios a’ mhoine tioram tha i air a cur gu rathad far am faigh làraidh no tractar thuice gus a toirt dhachaidh. Tha a’ mhoine cho fada bho chuid ann an Nis is gu feum iad tri dòirtidh a dheanamh orra. (a) Ga dòirteadh aig rathad far am faigh tractar thuice. (b) Aig rathad far am faigh làraidh thuice. (c) Aig an tigh á làraidh. Tha a’ mhoine ga cur gu rathad (1) Ann am poca air do dhruim. (2) Ann an cliabh air do dhruim. (3) Ann am barra-cuibhle. (4) Ann am ‘Float’. (5) Le each is cairt. (’Se aon each a tha a’ deanamh sin an so an diugh - 1967) (6) Le tractar. (7) Agus chunnaic mi air cùl Steòrnabhaigh cuid ga cur gu rathad ann am ‘Prams’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
a’ togail shrùpanan
Cho fada ’s a tha cuimhne agam, ’se seo a chanadh sinn mu thional na maoraich-sa. (Tha ‘maorach’ boirionn againn, ’s an àite-sa có dhiu, mar a thuit a mach bhuam an so shuas. Cha chanainn nach eil ‘maorach’ boirionn agus firionn againn mar a thionndaidheas a mach.) Tha ‘coilleag’ againn mar ainm annasach, no mar ainm litireil. Tearc air na bilean.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
balbh
adj. ‘still’: ach gum biodh i [an t-sìde] cho ~, gun pioc soirbheis ann
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
beulachas
Flattery. “Leis a’ bheulachas.” “E cho beulach.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
beò
: gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e; nn.: ‘bidh mo bh. ‘s mo mharbhadh ri Cloinn ‘Ill-Eathain’
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
bheir
vb ‘give, take’ : past: às a dheoghaidh a thug am fear seo [‘made off after him’];cond.: 's e the an doctair Siseil a ~eadh iad air; a’ smaoineachdainn gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e ; cha bhiodh e math muran toireadh iad toll air an talamh ‘ dannsadh; vbl nn.: bha thu sin a’ toir’ sin dheth gu strain; bha e ' toirt bhuam a' mhairt
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
bideanach
Quotation: Tha e cho bideanach. Notes: fidgety, unsettled. Source: Mrs Catherine MacLeod, Ness, Lewis. Date: 1982.
Location: [see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
biota
Bha na biotaichean dèanta de fhiodh, le clàir agus cearcaill mar am baraille. Bha an lonaid [q.v.] de fhiodh mar an ceudna. Is e an tè bheag dhiubh ris an canaist ‘crannachan’. Anns a’ gheamhradh nuair nach biodh am bainne cho pailt, is e an crannachan bu trice a bhatar a’ cur an sàs airson ìm a thoirt a mach. Biota: [see illustration]. Biota: [see illustration]. Crannachan: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
bog
adj. ‘wet’: thiginn a-staigh cho tioram … ’s a chuile duine eile ~
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
bot (E)
Cho fada agus is aithne dhomsa, chan ann mar anns na faclairean a tha sealladh air ‘bot’ againne idir. Ach àite bog, toll, fèith, no mar sin (cruinn no mar sin) anns an deadh caora an sàs, no anns an deadh i anns an rathad.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
bramalaid
Cho coltach ri facal a bhiodh aca ’s na Hearadh. Dìreach mar facal a thigeadh bho bheul “A’ Bhonnaich” as an Scarp. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a lazy, useless woman’.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
bridean
Quotation: Bha e cho eòlach ’s a bha ’m bridean ’s an tràigh.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
brochan
Quotation: Tha e cho math dhuit càl na brochan a dheanamh dheth. Notes: You might as well make anything you can out of it.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
buigneag (partan no crùbag)
Crùbag no partan a tha air tilgeil na slige. Gheibh thu iad so ann an sgoran cho fada stigh ’sa gheibh iad. Chan fhiach iad an itheadh.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
bulaidh-mhuc
Quotation: Cho fliuch ris a’ b(m?)hulaidh-mhuc. Notes: wild hyacinth. Above phrase used of wet potatoes.
Origin: Harris
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bun-sgòth
A muigh aig bun-sgòth. – A muigh cho fada ’s a chì an t-sùil, far am bheil am muir ’s an t-adhar a’ coinneachadh a chèile, mar a shaoilear. Cha chuala mi “bun-sgòth” a riamh air a chleachdadh ris an tìr.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bàthadair
Poll monach – mar as tric poll ùr anns an deacha beathach a bhàthadh. Leanaidh na h-ainmeannan ris na puill sin ged a bhiodh an dà aodann air a dhol cho fada bho cheile is gun togadh tu caisteal eatorra. Cluinnidh tu, “Chunna mi caora leat air breith aig Bàthadair tuath (no deas, no’n ear, no’n iar) Uilleam Iain” no “aig Bàsadair an iar Dhomhnuill Bhàin.” Tha tuath, deas, etc. a’ ciallachadh an àirde a ghabh na puill anns a’ bhuain.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
bìdeach
adj. ‘tiny’ : ‘s bha e fhèin cho [o] bìdeach
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
bòrd
Quotation: Bòrd a cho-thional. Notes: Congregation board.
Origin: Islay, Ballygrant
Category: Measgaichte / Miscellaneous
caoilte
Note: tana, goidhleach. Cho caol ’s gu faodadh e dol ri fasgadh buatharlan.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
caolanan-gorma
Tha againn ‘caolanan-gorma’. ’Se seo na caolanan beaga mar a tha ‘an t-snàil’ airson a’ chaolain mhóir. Anns a’ bhoin, ’se na caolanan-gorma de’m bheilear a’ deanamh nan lùban-dubha. Agus de an chaolan mhór thatar a’ deanamh nan ìsbeanan. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, cha chan sinn caolanan-gorma uair sam bith mu chaolanan na bà.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
carach
Quotation: “Cho carach ris a mhadadh ruadh.” Notes: cunning as a fox.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cas
[kɑ˖s] Quotation: Thàinig i cho cas an deidh sinach. Notes: rough, of a storm.
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cas
[kɑ˖s] Quotation: Thàinig e cho cas. Notes: rough, of a fight or brawl.
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
catapurca
“Cho ruighinn ris a chatapurca.”
Location: Harris, Sgarastamhor
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann
Quotation: Tha e cho fada ’s a cheann ’s a bha Fionn ’s na casan. Notes: Islay – in the sense of being cunning. Lewis (Barvas) “fada ’na cheann” means stubborn.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann-clò
Quot.: Cho beag purp ri uirsgeul ceann-clò. Note: fear nach cuir tù ri tàth.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceart
adj. ‘correct, true’: bha siud dìreach cho ~ ‘s a ghabhadh e; pl.:tha sibh nur daoine cearta
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
ceart, a ch.
adv. ‘just’: bha iad an seo a ch. cho tràth ris an fheadhain; mu choinneimh sin, a’ ch. urad do dh’fhiodh cruaidh; sguir sin ’s bha e cearta [sic] cho math
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
ceum-coilich
a rooster’s step, length of a rooster’s step (lit.). Fad ceum coilich is e sin an fhaid th’ann am feasgar bliadhn’ ùire (Harris). Is e sin an latha air tighinn cho fada ri fad ceum coilich, ann am facail eile.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceò
Quotation: cho lag ris a’ cheò.
Location: Romasdal
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cho
advb ‘so’: gum beil i ‘o [o] fad’ ‘s gun e ‘ fairghinn ‘o math
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
cho
Quotation: Cho righinn ri cac á plangaid. Notes: Ness (also known in Lochs).
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cho amaideach ri na h-eòin
as ‘foolish’ as the birds.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho balbh ris an uaigh
as quiet as the grave.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho bodhar ris an talamh
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Faireachdain / Senses
cho bodhar ris cloich
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Faireachdain / Senses
cho buan ris an darach
as lasting as the oak.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho caol ri minidh
as thin as an augaur [sic] [auger?].
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho carach ris a’ mhadadh ruadh
as cunning as a fox.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho coir ris an fhaoileig
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Faireachdain / Senses
cho fada ri gu siorruidh
as long as ‘for ever’.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho fada ris an t-siorruidheachd
as long as eternity.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho fallain ri fiadh
healthy as a deer.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho fliuch ri lach
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
cho fuar ris a’ bhàs
as cold as death.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho grànnda ris a’ pheacadh
as ugly as sin.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho lag ris a’ chuileig
as weak as a fly.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho làidir ri Samson
as strong as Samson.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho làidir ris an leomhainn
as strong as a lion.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho reamhar ri ròin
as fat as a seal.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho ruighinn ris an teàrr
as tough as tar.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho soilleir ris a’ ghréin
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho sona ris an rìgh
as happy as the king.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho-ri-eigin
of some sort.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ciste-mhin
Quotation: ‘Ma thig ceò an earraich sìos cho fada ris a’ chiste-mhin, thig an sneachd ceart cho fada sin.’
Location: Spean Bridge
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cliabh cleibh
[pl.] creel. Is ann le cleibh bha a’ mhoine air a’ to’airt dhachaigh anns an t-sheann aimsir. Is e sealladh gle chumanta bh’ann gach fear-tigh fhaicinn a’ dol gach la dhiarraidh cliabh moine do an cruach, a’ dhaodadh bhi suas ri mile air falbh o’n tigh. Ach cha-neil aon chliabh ri fhaicinn anns a’ chearn so o chionn iomadh bliadhna air ais. Tha a’ mhoine nis air a giulan dhachaidh le carbaidean ola de gach seorsa. Tha rathaidean nis anns gach aite, agus mar sin tha a’ mhoine air a buain cho faisg air an rathad ’s a ghabhas deanamh.
Origin: Cataobh [Sutherland – probably meant as the county not origin]
Category: Mòine / Peat-Working
cluiche air na putanan
Cho fada agus a tha cuimhne agam is ann faisg air an aon seòrsa a bha na trì cluicheannan-sa [i.e. cluiche air na putanan, cluiche air na clacha beaga and cluiche air na sgilligean]. Gun mhóran eadar-dhealachaidh, ma bha eadar-dhealachadh sam bith, ach anns na h-ainmeannan. Bhiodh sinn cuideachd ’g an dèanamh a muigh air a’ chùl le buachar tioram nan caorach as t-samhradh. (Airson ‘cùl’ agam-sa tha mi deanamh a mach gur h-e ‘cùl-cinn’ a th’aig Dòmhnall Iain (fear na Hearadh.) Feuchaibh e!)
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
cléith-luaidh (I)
Chan e ‘cliath-luaidh’ a chanas sinn idir. Bha a’ chlèith-luaidh mar seo. Deànta le bùird agus crotaichean oirre fòidhe. Bhiodh i cho mór (cho fada) agus gu’n suidheadh ceathrar (no barrachd) air gach taobh dhith.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
cnoc
Quotation: Bidh cnoc ann. Cho glic ri cnoc. Notes: There will be a parliament, gathering.
Origin: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
co-long
Quotation: Bidh gu leòr a cho-long timcheall orra. Notes: seems to convey both bustle and companionship. Sometimes used of a noisy gathering of people. Source: Mrs I. MacLeod, 16 Dundasvale Court, Glasgow (Berneray?). Date: 1979.
Location: [see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cragan-tràghad
Sea urchin. Chan eil iad an Nis idir is cha mhotha thachras slige dhuibh [sic] ri duine air an tràigh. Tha iad pailt ri cladaichean Rudha an Tiumpain. Is ann le tràigh reodhart a chithear iad an crochadh ri na sgeirean. Is ann ainneamh a chi thu fear beò os cionn uachdair na mara – bidh iad ris an sgeir mu oirleach no dha fo’n uachdair. Mus tàinig na h-‘ornaments’ gu bhith cho pailt bhiodh cuid a’ toirt dhachaidh feadhainn aca, gan glanadh a mach, a’ suathadh dhuibh [sic] nan gathan is gam peantadh. Rachadh lus a chur annta, gu h-àraidh lus mar seamrag a dh’fhàsadh sios ceithir thimchioll orra agus is minig a chunna mi tri dhuibh [sic] troimh uinneig crochaid mar tri ballaichean ‘pawn-shop’. Chleachd fear mór dhuibh [sic] air a ghlanadh a bhith aig Fuaran Cladach a’ Bhàta, far an togadh tu deoch leis nuair nach ruigeadh tu le do bhus air an uisge.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
creachan
Clam. ’S e maorach muir domhain a tha so, agus gheibhear cor fhear dhuibh [sic] air an lion-bheag ceithir thimchioll an eilein, ach bidh muinntir Uig agus muinntir nan Loch gan togail le sgumairean ’nan dusain do na h-eathraichean aca aig top reodhart is gan còcaireachd an aon doigh ris a’ mhadadh. Bidh muinntir Uig ga fàgail ann an luin anns a’ chladach agus a’ dol air an tòir as a sin mar a bhios feum orra. As deidh a’ chogaidh mu dheireadh bha campa R.A.F. ann an Ard Uig is bhiodh balaich a’ champa so a’ togail nan creachan na’n ceudan comhdaichte ann an ‘aqua-lungs’ agus ga reic an Steòrnabhagh. Cha robh so a’ còrdadh ri muinntir Uig idir. Bha eagal orra gu gun glanadh iad an grunnd buileach glan, agus mar sin bha iad taingeil gun tug na balaich so an casan leotha nuair a chaidh an campa a dhùnadh bho chionn da bhliadhna. Anns an Rudha na’n togte creachan air lion beag bha an duine leis an robh an lion ga dhleasadh ga fhein. Co dhiù, anns an Rudha bha an creachan ga ithe amh cho luath ’sa thigeadh e air bòrd. Chan fhaca mise iad a’ bruiche chreachan a riamh gus an deacha mi chun na Lochan. Tha e fada na’s blasda amh. ’S e slige a’ chreachain an t-inneal as fheàrr a fhuaireadh fhathast gus an t-uachdair a thogail bho bhainne togalaich.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
creag
Quotation: Cho sean ris na creagan.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
creag
Quotation: Cho cruaidh ris na creagan. Notes: hard-hearted.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
creiseim (E)
[Changing the arrangement of the threads in the eyes for a new pattern.] Cho fad agus is aithne dhomhsa ’s ann tha seo air a dhèanamh leis a’ chreiseim (faic ‘creiseim’ Dwelly t-d 317). Is ann a’ cur an t-snàth ann an dòigh àraidh air na bacain ud a bha an t-allt (E) a bha gu a bhith air an aodach air a shuidheachadh. ’Se an creiseim a chuala mise air an seo. (Fuaimnich: criseim. Seo mar a tha e againne.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
crogais
Chan eil e idir againn. Ach tha ‘croga’ againn (mar ‘crog’ air t-d 275: ‘aged and effete ewe, sheep past bearing’. (Cho fada agus a tha cuimhne agam, ’se seo an seadh anns am bheil e againn.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
cruaidh
Quotation: Cho cruaidh ris na creagan. Notes: hard-hearted.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cròiseanta
sound of singing through the nose. Tha guth aige cho cròiseanta – nasal. [SLIP: Nasal (singing through nose).]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris,Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cuach
Quotation: Tha e cho math a dhol dhan a’ chuaich. Notes: bed. (cuach – nest)
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cuibhle-iteachan
n.yellow'> ‘spinning wheel’’: cho luath ri ~ cuibhle [ˈku͜i:l´ə ˈiçt´əxan]
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
cuimhneach
Quotation: Cho fad’s is cuimhneach leam. Notes: As far as I can remember.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cuir-leis
Quot.: “Tha e cho beag cuir-leis.” Note: same as above [i.e. sgrìd].
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
curs
adj. ‘unmannerly’: bha an gnothach a’ falbh cho ~ ri seo aca
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
cuspaireachd
“Ma chunnaic tusa a riamh cuspaireachd, ’se breith air na siarsagan.” Bha iad cho duilich breith orra.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
càirdeil
adj. ‘friendly’: tha iad cho ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
càl
Quotation: Tha e cho math dhuit càl na brochan a dheanamh dheth. Notes: You might as well make anything you can out of it.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
càra
[kɑ:ɾə] Quot.: “Bu chàra dhuit fuireach a stigh ’s an oidhche cho fuar.” Note: “It would be better for you…”
Origin: [Ness]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
càradh an fhoid
Tha cuid ann a tha cho ealanta air tilgeil is gun cuir iad gach fàd air a shliomas ri oir fir eile fada muigh air an sgaoilteach, mar bun a’ ghàrraidh. Tha cuid de phuill ann as an tig tri fòid is caoran, is gus nach bi a’ mhoine air muin a cheile air an sgaoilteach cha bhi an cargur ga thoirt cho leathann.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
còir
Notes: traditional statement of Gaelic Preacher – “M’as sguir Dia nan Gràs, bi cùpan do chor cho làn ri cùpan do chòire.” Còir – also used in the sense of kindness – duine còir.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
còir
Quot.: “Cho còir ris an fhaoileig.” (Put also under faoileag).
Origin: [Caversta]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
còir
Mu ainmhidh a bhios solt agus coibhneil mar gu’n canadh sibh mu chat: “Tha e cho còir.” Tha e cho solt, ’s cho déidheil air a bhith ’ga shlìobadh ’s mar sin. Cha tionndaidh e oirbh, ach fada, fada an aghaidh sin. Tha e cho còir.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cù-fuadaich
Cha deanadh an cù-fuadaich càil ach am fuadach fhéin. Chan eil cù-fuadaich aca againne an àite sam bith an diugh cho fada ’s is aithne dhomh. [NOTES: slip not found.]
Origin: Leòdhas, [Lewis], Uig an Iar
Category: Stuigeadh Coin / Encouraging a Dog
cùbach
niggardly. Tha i sen cho cùbach. (Harris)
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cùnadh
sparing. Tha i cho math air cùnadh. (Scalpay) [SLIP: Sparing (sic.).]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dealgan (I) agus (E)
Spindle. Mu dhealgan chanadh sinn: “’Se dealgan math tha seo.” “Chan eil i cho math ris an t’éile a bh’agam.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
dean
Quotation: a’ deanamh ri gorm. Rinn mi ri gorm cho luath ’s a b’urrainn mi. Notes: seeking a safe place.
Location: Romasdal
Category: Measgaichte / Miscellaneous
diom-buan
[dʹw̃mɑ̃ṉ] Quot.: “Tha sin cho diom-buan.” Note: (note pronunciation) fleeting, lasting only for a short time.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
diubhar
nn ‘difference’: [t´uu̯ər] [ADM], [t´ɛu̯ər] [FMM]; chaidh e ionnam cho mòr sin nach robh e gu ~ leam; chan eil e gu ~ cò an srainnseirtha ~ [ʧefər] sa Ghàidhlig; tha ~ anns a' ghobhlachan; tha beagan do dh. anns an dòigh a their iad e (?) [MAE]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
dlùthadh
Quotation: Cha leiginn a leas dlùthadh a dheanamh as a dheidh leis cho math ’s a bha e air treabhadh. Notes: turning the small bits left by the plough.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
doicheallan
Note: duine gruamach, mi-aoidheil. “Cho doicheallach ri dorsan a phrìosain.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dollag
[d̪ɔɫɑɡ] Quotation: Cho ruighinn ris an dollaig. Notes: perhaps from “dallag” – type of dogfish.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dom
[d̪[ɤu̟]m] Quotation: Cho searbh ris an dom. Notes: gall-bladder.
Origin: Coigach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dorsach
Quotation: Tha ’n àite cho dorsach. Notes: open, full of eddying winds.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
duainidh
[d̪ũ̟ɑ̃nʹi] Quot.: “Tha e cho beag ’s cho duainidh.” Note: pale, anaemic-looking.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
duaithnidh
Quotation: “Cha do thachair ni a riamh anns a bhaile seo cho duaithnidh.” – so disgraceful. Notes: Probably the same word as duaichnidh (horrible). In Wester Ross, the ch sound tends to be softened into th. Source: Wester Ross.
Location: [see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dubh-pheacadh
black sin, real sin. Cho dubh ris a pheacadh.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
duine lom
hard-hearted. “Cho lòm [sic] ris an deargan.”
Origin: Barra
Category: Nàdur an Duine / Personality
dà-bhliadhnach reithe
(‘Dò-bhliadhnach’ againne.) Dò-bhliadhnach rùid. Bho théid e seachad air bliadhna ’se ‘rùd’ a th’ againne airson ‘reithe’. Aig na Lochan thall, ’se ‘rùda’ a chanas iad. Agus rud glé arraid, ann an Uig an Iar air fad, cho fada agus a tha lorg agam-sa, ’se ‘rùd’ a th’aca. Ach Bréidhnish, Islibhig agus Mangarstadh, ’se ‘reithe’ a th’ aca. Chan eil fhios agam dé mar a dh’éirich seo.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
déisdeanach
[dʹe:ʃdʹɑṉɑx] Quot.: “Tha e cho déisdeanach.” Note: small, puny.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dìchuimhneach
adj. ‘forgetful’: tha mise air fàs cho ~, air ‘ shon
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
dìobartan
[dı:bərd̪ɑ̃ṉ] Quotation: “Bha e cho luath ris an dìobartan.” Notes: thought to be the sunlight dancing on rippled water. George Moss (N. Kessock) says “air tremble or whirling, over boggy ground on a hot day”.
Origin: Glenurquhart
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dìonach
adj. ‘watertight’: bha i cho ~ ri poit do’l [nuair] a chaidh i air sàile
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
dòlaiste
adj. ‘damnably’: ‘s e daoine ~ math ‘ tha sna Frangaich ‘ tha seo; ‘s e Ruisia àite cho ~ ‘s chaidh e ‘-staigh riamh ann; bha e ~ math
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
eachan
Spout fish eile. Gheibhear e anns an làghaich is theid e cho domhain aig amannan ’s gun caill thu e.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
easbhuidh-céille
[ɛsvice:lʹə] Quot.: “Nach ann ort a tha ’n easbhuidh-céille.” Note: lacking in sense. Could also be “easbhuidh” by itself, e.g. “O, chreutair, ’s ann ort a tha ’n easbhuidh!” or “Tha e cho easbhuidheach!”
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
eucoireach
adj. ‘deceitful’: bha e cho [o] ~, spaid sinn sa mionaid [sic] e; nn. ‘culprit’: agus bha an t-~ [ʤe:krəx] a bha seo … bha seann bhoireannach ann ‘s i na sìneadh air lounge
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
eòlach
Quotation: Bha e cho eòlach ’s a bha ’m brìdean ’s an tràigh.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fada
Quotation: Tha e cho fada ’s a cheann ’s a bha Fionn ’s na casan. Notes: Islay – in the sense of being cunning. Lewis (Barvas) – stubborn.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fadag chruaidh eireag
nn f. ‘dog’s tooth [weather phenomenon]’: ~, tha e car coltach ri bogha-froisg [sic] ach chan eil e cho fada
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
failleigidh
[fɑlʹɛɡʹi] Quot.: (a) “Dé cho failleigidh ’s a tha thu a dol timchioll air a sin?” “Tha e cho failleigidh.” Note: (a) tackling a thing in a slow, ineffective way.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
faochag smeòraich
Faochag iomadh dhathach mu mheud faochag dhubh mhor, ach nach eil i cho cruinn ri faochag dhubh – dealrach mar ‘mother of pearl’. Cha chuala mi an t-ainm air na Lochan no an Uig, ach chuala mi anns an Rudha e, agus thug na Nisich dhomh e. Tha iad fearasda am briseadh is bidh na smeòraich gan togail ’s gam briseadh le’n guib is gan itheadh.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
faoileag
Quot.: faoileag a’ chinn duibh. Note: black-headed gull. “Cho gòrach ri faoileag a chinn duibh” – often said.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
feann
Quotation: “Tha e cho fuar ’s gu feannadh e leóghann [lʹɔ:ɡənʹ].” “Tha feannadh fuachd ann a tha garbh.”
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
feirmige
chan eil. Ach uaireannan, mu rùd nach biodh ’na rùd, chanadh iad rudeigin mar ‘feirmige’. ‘Seilmige’, cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa a chanadh iad “Seilmige de rùd”.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
fiaite
quietly. Chaidh e stigh cho fiaite (spelt colloquially) ’s a b’ urrain dha. I doubt if it’s the same as fiata?
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fionnadh
hair. Ach cho fad ’s is aithne dhomh cha chan sinn fionnadh uair sam bith ri nì timchioll air caora.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
foghainneach
adj. : bha e cho ~ 's a bha ann; cho gàbhaidh ~ 's a bha e mura biodh tu ~ mharbhadh e thu [FMM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
foill
Quotation: Cho fad’s a bhios sùghadh am bun càil, bi foill air Macphàil.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
foill
Quotation: Cho fad’s a bhios slat ’s a’ choill, bi foill ’s a Chaimbeulach.
Origin: Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fròghaidh
[fɾɔ:i] Quotation: (1) guth fròghaidh. (2) Tha a’ wireless cho fròghaidh an dràsda. Notes: (1) a hoarse voice (with a cold). (2) lack of clarity in the sound – full of interference, haziness.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fuar
Quotation: Tha e cho fuar ’s gu feannadh e leòghann.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fuar
Quot.: “Cho fuar ri biadh gobha.”
Origin: [Caversta]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fìrinneach
adj. ‘true': naidheachd a tha cho ~ 's a ghabhas I; duine ~ a bha san fhear seo; tha fhios agamsa air duine ~ ‘s bha e na thaibhseir
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
fùlg
the course set by a sailing boat. “Dh’fheumadh iad cumail ri fùlg cho math ’sa b’urrainn dhaibh.”
Location: North Uist, Grimsay, Gearradh Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gabh
Quot.: “Tha e cho math gabhail ris.” Note: e.g. if one heard unpleasant or unwelcome news or if something unpleasant happened. “Might as well accept it.”
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gean
Quotation: ’S misde do ghean a bhi gun bhiadh. Notes: good humour. Also greed, rapacity – Cho geanach ris a chù.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
geard
pocket watch-chain, watch chain, from the breast pocket, worn by the male folk. Cha [sic] fhac thu duine riamh cho eireachdail ris, le geard òir. (old phrase) [NOTES: the slip has ‘Chan fhaca thu…’. Definition: Watch-chain, worn from the breast pocket. Word no longer used.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
geoc
Quotation: Ma tha an t-easbuig cho dona sin ri leum nam feansan, carson a Dia, nach cuir thu geoc air? Notes: yoke – put round the necks of horses guilty of jumping fences, etc. (Above example from story told on tape.)
Location: Cape Breton
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gnothach
n. ‘business; treatment’: rinn na Sasannaich an ~ cho dona dhaibh
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
gnothach
nn ‘matter, business’ : shound an ~ cho [o] aite; rinn mise an ~ orm fhèin [‘killed myself’]; 's e sin a rinn an ~ aire-san; bha e ' dol a dhèanamh a' ghnothaich air Giant MacAskill;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gobach
nosey, sharp. Tha i cho gobach.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
goibhneal (E)
Boirionnach caol – chan ann cho caol ri ‘raod’ [q.v.] agus ‘sgriot’ [q.v.] ach dìreach caol gun a bhith cruinn mar boirionnach an cumantas. Agus gun a bhith ro ìosal ’na pearsa. Fuaimnich mar seo: aoi, raoir, coibhneal, goibhneal. [SLIP: A slender woman, though not as thin as ‘raod’ or ‘sgriot’ qv.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
gorm
Quotation: Rinn mi ri gorm cho luath ’s a b’urrainn mi.
Location: Romasdal
Category: Measgaichte / Miscellaneous
greannan
Note: duine greannach. “Cho greannach ri clach-mheallainn an fhaoiltich.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
grinn
Canaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu dhuine a bhios ’n a aodach ’s mar sin. Snog, glan, sgiobalta. “Tha Calum cho grinn.” “Tha e cho grinn a h-uile turus a théid e a mach.” “Tha e ’ga chumail fhéin cho grinn.” Canaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu ghrinn ann an giùlan. [SLIP: Tidy; also ‘fine’ of behaviour.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
grunnd glan
Grunnd iasgaich gun bhoghannan no a leithid sin ann. An cumantas airson lìon-beag a chur ann. Dh’fhoighnich bodaich á Leòdhas do bhodaich mhór-thìreach aig Bad-a-chrò, “Am bheil an grunnd-sa glan?” Fhreagair bodaich Bhad-a-chrò, “Cho glan ri bonn leth-chrùin”.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
guanag
Note: te aotrom òg aighearrach. Cho guanach ’s nach eil a h-uallach na eallach.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gàbhaidh
adj. ‘awful, terrible’: cho ~ foghainneach 's a bha e; tha sìde ~ aca; chan eil i cho ~ fuar ri seo; dh’atharraich an saoghal ~; ‘s e bòcan ~ a tha sna skidoos seo
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gàd
length of iron. Cho cruaidh ri gàd.
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
hobail (E agus I mar a fhreagradh)
Tha mi deanamh a mach gur h-ann airson cho coltach ’s a bha an seorsa similear-sa ri sgiortaichean nam boirionnach a chaidh an t-ainm ‘hobail’ a thogail. Agus lean e ris.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
ionnsaich
vb ‘teach’ : vbl adj.: bhiodh dà chu aige … iad cho ~te, dhèanadh iad rud sam bith; bi cinnteach gu robh e ~te
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
iriosal
Humble. “Tha Domhnull cho iriosal ri duine an àite sam bith”. “Tha e cho beag uaill [q.v.]”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
iteachan
n. ‘reel’: an t-~ [əɲ ʧhiçt´əxan]; cho luath ri ~ cuibhle [içt´əxan ku͜il´ə]
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
ladarnach
Note: dàna, an-uasal gun mhodh. “Cho ladarna [sic] ri madadh coin gun mhaighstir [?].”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lag-a-ghéilein
sinews of the mouth, etc. A thanga [sic] a muigh cho fada ’s a leigeadh lagannan a ghéilean [sic]. [NOTES: originally the headword was spelled ‘lag-a’-ghéilean’ like the word in the example. Then it was corrected to ‘lag-a-ghéilein’ but the word in the example was left unchanged, possibly through an oversight.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
laghach
adj. ‘nice, pleasant’ : àite cho ~ ‘s a bha e; chan eil tuillidh ‘s a’ chòir de rud sam bith, chan eil e ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
laghail
Tha againn ‘laghail’ agus ‘laghalachd’ [for ‘laghanta’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘always laying down the law (?).]. “Tha e cho laghail.” – litigious. “Thusa agus do laghalachd.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
le
prep. ‘during [of weather]’’ : 's e àite uamhasach a tha ann an Chéticamp ~ stoirm; ri marbhadh le sìde thioram; ‘possession’: dhan duine ‘m bu leis am beathach; ‘with’: 2sg.: gu bheil thu air falbh leat dhan taigh mhòr, dhan asylum; 3sg.: bha muinntir na town a’ smaoineachdainn gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e [ADM]; 3m.: thuirt e leis [liʃ] [FMM];Rover a theireadh iad leis;+ mo: lem linnse, nuair a chaidh mise ag obair an toiseach; + a ‘his’: chanadh e le ' phiuthar
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
liac
Nuair a chitheadh na bodaich liac de ola air uachdar na mara ann am bàgh no a muigh air muir-mór, chanadh iad ‘liac an sgadan’. Agus dh’aithnicheadh iad nuair a bhiodh an sgadan ann, cho math.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
luath 1
adj. ‘fast’: ’s a’ bualadh cho ~, dìreach, ris an dealanach
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
luchd
nn ‘crew, company’: agus chòrd seo cho math le ~ ud an soitheach
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
luin
[ɫũ̜nʹ] Quotation: “Mial-chu féidh ’s a (e?) leum air buinnig ’s a’ luin cha chumadh i fàir air.” Cho luath ris a’ luin. Notes: shimmering heat haze as seen on the horizon.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lusgainn
[ɫu̜sɡĩnʹ] Quot.: “Cho geur ris a’ lusgainn.” Note: could be said of a knife. Doesn’t know what “lusgainn” is or was.
Origin: [Caversta]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
làn
adj. ‘full’ : bha e cho ~ le na breugan 's gu robh e ' faighinn air adhart leatha
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
làn
Quotation: Bha e cho làn ri muc. Notes: drunk.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
làr
Quotation: Chaneil cho fad o chaidh sin mu làr. Notes: It is not so long since that came to an end.
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lùrach
Quotation: Tha i cho lùrach. Notes: lazy, not doing anything in the house.
Origin: Glenlyon
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mac-mallachd
Quot.: “Tha thu cho briagach/deamhnaidh/cuilbheartach ris a’ mhac-mhallachd.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mach
Quotation: “Tha e cho glic mach o nach eil e a’ bruidhinn.” Notes: “He is so wise he almost talks.” Said of an animal.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
maide-prop
Quotation: Tha e cho righinn ris a’ mhaide-prop.
Location: Lewis, Carloway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
maoidh
vb ‘threaten [with]’ : vbl nn: rachadh ‘bodach an tin’ a mhaoidheadh ormsa, ’o [o]  [= cho] cunnartach is a bha e, nam binn dona gun tigeadh e
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
maolan
[mw̃:ɫɑṉ] Note: (1) duine gun fhalt. (2) duine beag tuigse – cho maol ’s gun tugadh tu thaobh e le briob.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
math
adj. ‘good’ : ma bhios tusa cho ~ ‘s gun coimhead thu, gheibh thu an tuagh; ‘like’: muran dèanadh iad an rud bu mhath leotha ‘ dhèanamh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
mathachadh
when someone was maintaining that he was always right, even though he might be wrong. “Tha an duine sin cho math air mathachadh.”
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
meabhair
n. ‘memory’: ach ma chaill e a radhrac fhuair e ~: bha ~ aige ’ bha uamhasach; thòisich a’ mh. agam air m’ fhàgail; tha a’ mh. agamsa air a dhol air ais cho dona
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
meanachaladh
gravelly, peebley [sic] [pebbly?] ground. An t-àit’ a’s fhèarr airson am faotainn. Dh’fhaodadh grunnd creagach a bhi a cheart cho math.
Origin: Tiriodh [Tiree] (Rugadh Daibhidh ann an Glaschu ach chaidh a thogail ann an Tiriodh bho’n a bha e trì bliadhn’ a dh’aois.)
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
mearal
Notes: “sàl is uisge ’n ceann a chéile”. Applecross: “Cho saillt ris a’ mheireal”.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mearal
Cho saillte ris a mhearal.
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
milis
Quotation: Cho daor ris an aran mhilis.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
miosa
Quotation: Chaneil i cho miosa ris a’ ghaoth eile. Notes: It isn’t as bad as the other wind.
Location: Skye, Staffin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mu
Quotation: Chaneil cho fad o chaidh sin mu làr. Notes: It is not so long since that went out of existence, came to an end.
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
muc
Quotation: Bha e cho làn ri muc. Notes: drunk.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
muidhe
nn ‘churn’: [mu-i]; bha i seo ri ~, ag èirigh air a mh., ach bha esan a’ fairghinn fuaim cho damainte neònach aig a’ mh. Thug e sùil sa mh.
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
mòine-bhàn
Bha thu ’ga gearradh tana. Bha i na bu duilghe a tiormachadh. Ach bha i aotrom ri a tarruing. Sgamhan bàn, chanadh na bodaich. Sgamhan de mhòine bhàin. Cha sheasadh a’ mhòine bhàn cho fada ’s an teine idir ris a’ mhòine dhuibh.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
mòl
mole. Cho dall ri mòl.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mùigean
Quot.: “Cho muigeach [sic] ri cù le cnaimh.” Note: nuaranta, gruamach, mi-mhodhail.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mùla
Tha an t-ainm-sa an dà àite againn, cuideachd, am Beannaibh Uige. Mùla Chaolartan, agus Mùla Thamnaiseal. Anns na mapaichean, cho fada agus is aithne dhomh, ’se ‘maola’ a th’aca. Ach air bilean an t-sluaigh ’s e ‘mùla’, m-ù-l-a. Agus ann an còmhradh canaidh iad ‘mùla eagalach’ ’s mar sin far am biodh cruach mhònach no mar sin garbh-beartach mór. “’Se mùla eagalach a th’innte.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
neo-mathach
Quotation: Chan fhaca mi duine ’riamh cho neo-mathach ris. Notes: so ruthless.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
no cromadh a’ bhrochain
Bhiodh am brochan (chan è lite, ach brochan na feòla) aca a muigh aig buain na mòna. Dithis mu’n toirbhsgear bhiodh iad ag atharrachadh as déidh a’ h-uile biadh – na’m biodh tu a’ leagail, as déidh a’ bhidh dheadh tu a thilgeil. Bhiodh strì am measg nam bodach airson faighinn a thilgeil an toiseach airson faighinn a leagail as déidh a’ bhrochain. Bhiodh iad cho làn agus cho dùmhail as déidh a’ bhrochain agus gu robh e mòran na bu chomhfhurtail a bhith a’ leagail na a bhith a’ tilgeil.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
oglaich
crabbit. “Bha i cho oglaich.”
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
pac
crowd of people. ’S iad pac cho suaimheanta ’s chunna mi riamh. (Harris)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
pannt?
Tha e cho math dhuit chuir dh’an phannt, pawn (pawn shop).
Location: Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
peiceall
Cha chuala mi am facal a riamh ’s chan fhaca sgrìobhte e, a bharrachd. Ach chan eil càil a dh’fhios nach ann bho an t-soitheach peic (an tómhas) a thàinig e. Smaite gur h-e eathar air bheag cumaidh, no rudeigin ann an riochd eathair, a bh’aig a’ bhàrd leis an tug e a chasan as. Chan eil fhios againn mur a tionndaidh rudeigin an àirde a chuireas soilleireachadh air a’ chùis. Cho fada ’s a tha m’ eòlas-sa a’ dol bha an soitheach peic rudeigin mar seo ann an cumadh. Fiodh agus cearcaill. Clàir ann.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
piadhtaidh
[pıɤt̪i] Quot.: Tha e cho dubh ri piadhtaidh.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
pliùsgach
lifeless. “Cho pliùsgach ’s tha i coimhead.”
Location: South Uist, South Boisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
prìs
nn f. ‘price, cost’ : bha e na iasg cho àrd ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
rablach
untidy. Tha e neo i cho rablach – so untidy.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
raingis
[rɑ̃ĩɡʹiʃ] Note: a fish, resembling an oopah [opah?], caught inshore. P. Chisholm, Gravir, says it has a red spot on its shoulder. In Barvas – “Cho ruighinn ri craicionn raingis.”
Origin: [Caversta]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
riabhach
Quotation: Tha iad cho riabhach. Notes: ‘at daggers drawn’.
Origin: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
rige
tha seo againn. Ach cho fada ’s a lorg agam-sa ’s ann airson ‘partly castrated male’ a tha ‘rige’ againn. Againne air fhuaimneachadh mar a chanadh Leòdhasach no a leithid sin, ‘rig’ ann an ‘rig-out’, rig + e, rige.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
righinn
[ˈrĩəṉ] Quot.: “Cho righinn ris a’ bhìth amh.” Note: also “duine righinn” – a tough, inflexible man.
Origin: [Ness]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
roichgeil
demanding good quality food. “Tha na cait againne cho roichgeil.”
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ruig
Quotation: Tha ’n duine ud ga mo ruighinn mar a bhios e cho bragail. Tha mi air mo ruighinn aig… Notes: anger, irritate.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ruighinn
Quotation: Cho ruighinn ris an dollaig. Notes: “dollag” – probably “dallag”, type of dogfish.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ruighinn
Quotation: Cho ruighinn ri gad seilich.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
rèidh
adj.’finished’: chan eil e ~ fhathast, tha sin aige ri dhèanamh fhathast da’ [nuair] ’bhiodh tu ~ dheth; feasgar da’ bha thu ~ a dh’obair; ga dhèanamh ~ gus an coisich iad a-staigh; spliotadh e cho ~ ri -- ghlaine
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
rèidh riobaineach
this would be said for example after a tempestuous meeting which you had expected – “Bha fios nach biodh gnothaichean cho reidh riobaineach sin.”
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
rùghan
B’e a’ cheud nì a’ mhòine a chur air a casan as an sgaoiltich – a’ deanamh ’n a rùghanan. Dà fhad an taca a chèile, fàd aig gach ceann, agus fàd air a’ mhullach, b’e sin rùghan. Ach ’s ann tearc a bhiodh an rùghan cho beag an sin. Bhiodh fòid ’ga chur ris airson a dheanamh na bu bhonncharaiche.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
saoirsinneachd
nn f. ‘carpentry’: ò, Ìosa, cho daor ‘s tha an t-~ an-dràsta
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sean
Quotation: cho sean ris na creagan.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
searbh
Quotation: Cho searbh ris an dunialas [?].
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
searbh
Quotation: Cho searbh ris an dom. Notes: dom – gall-bladder.
Origin: Coigach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
seorp
Tha sibh cho seorp thall aig na tighean móra sin, thall air a’ chnoc. Chan eil fhios agam a bheil am facal-sa anns a h-uile h-àite. Tha fhios aig Ruairidh uime, co dhiù.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
seòcail
plumage effect. Boineid àrd le itean cho seòcail air a ceann – old time headgear. [SLIP: Plumage effect on old-fashioned headgear.]
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
seòlta
Quotation: Tha e cho seòlta ri sionnach.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
seòltaiche
Note: fear carach, cealgach. Cho seòlta cealgach ’s nach earbadh tu ’m bonna-sia ris.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgeamhair
Quot.: sgeamhaire cho faobharach ri gaoth a’ reothaidh. Note: greannach, mi-chneasda na chainnt.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgeòcan
[sɡʹɔ:kɑṉ] Note: amhaich cho fada ’s gu sealladh e air fhéin an clàr an aodainn.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgiath
Quotation: Sgaoil e a’ sgiathan cho fada gus an sgàinn [sɡɛ̃:nʹ] e. Notes: He tried to take on too much at the one time.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgiobadh
Nuair a bhiodh grunn mór thoirbhsgearan de mhuinntir eile a bhaile agad a buain na mona. Bhuaineadh iad i ’s an aon latha. Bhitheadh tu fhéin a rithist aca-san air là an sgiobaidh aca. Chan eil fhios agam dé cho tràth ’s a thòisich an obair-sa, an sgiobadh. Iomadach uair do dhuine leth-làmhach a rinn sinn a bhuain dha ’s an aon latha. Cha chanadh sinn sgiobadh ris an seo idir.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
sglèat
n. ‘slate’: bha e cho beag gum biodh dìreach ~ ann
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
sgonnan
Quotation: Cho luath ri sgonnan. Cho crosda ri sgonnan.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgrìd
[sɡɾı:dʹ] Quot.: “Tha e cho beag sgrìd.” Note: lacking in push, initiative.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgrìob
“Chuir e air falbh air sgrìob e.” “Bheir an cù agam-sa sgrìob cho math ’sa thug cù a riamh.” Sgrìob:
Origin: Leòdhas, [Lewis], Uig an Iar
Category: Stuigeadh Coin / Encouraging a Dog
sgùil
Bha an sgùil deanta mar seo: cearcall iaruinn agus lìon, agus am biadhadh air sreing ann am meadhon na sgùile. Bha àrc bìdeag an àirde bho an sgùil air sreang a’ bhiadhaidh airson am biadhadh a dheanamh faicsinneach do an ghiomach. Nuair a bhatar a’ tarruing na sgùilean, bha thu ’g a tarruing cho luath agus a dheanadh do làmhan agus do bhodhaig dhuit. Nuair a bha an giomach am broinn na sgùile, agus a bha i air a gluasad bho’n ghrunnd agus air a’ tarruing troimh an fhairge gu cabhagach, bha an giomach ag greimeachadh ris an nì a bh’aige agus cha charaicheadh e, gu’m beireadh am fear-tarruing air. Nam biodh an sgùil air a tarruing slaodach, bha e toirt cothrom do an ghiomach smaoineachadh de bha tachairt, agus an sgùil fhàgail. Chanadh iad na ‘cearcaill’ ann an àiteachan ris an t-seòrsa uidheam-iasgaich-sa. Tha eachdraidh nam ball-sa gu mionaideach aig Niall M’Dhòmhnaill, fear raoin Chùil-fhodair. Cumadh na sgùile: [see illustration]. An sgùil air a’ ghrunnd: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
sil
vb ‘drip’ : vbl nn: bhiodh an t-sròn agamsa ‘ ~eadh cho gàbhaidh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
siolcair
[ˈʃu̜ɫkɑð] Note: truthair. Gàirdean an t-siolcair cho strìtheil ri sìneadh gu eucoir.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sionnach
Quotation: Cho seòlta ri sionnach.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sleamhnuinn
[sic] slippery. Bha e cho sleamhuinn, ’s chaidh e na shlèitich air a ‘dhruma’ dìreach.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
slàn
adj. ‘hail, healthy’: ‘~ dhut! tha mi ’n dòchas gum bi thu ~, fallain’, no nuair a tha duine a’ fàgail; feadhain aca fhèin tàire mhòr a’ togail an teaghlaich, feadhain nach robh ~ cha robh chuile duine cho ~
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
snoigeasan
Note: gearanach, do-riaraichte, dranndanach. Cho beag caomhalachd ri aog is ainneart.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
snèagladh
Crawling. Bodach a’ cantuinn mu chaoraich bodaich eile: “Chan eil càil ach gu bheil iad a’ snèagladh.” (Iad cho bochd.) Cuideachd, snèagalan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
snòta (I)
An dà sheorsa aca: lìon-beag le snòtaichean gaoisde agus lìon-beag le snòtaichean sreinge. Cho fada agus is aithne dhomh ’se na snòtaichean gaoisde a b’fheàrr a dheanadh iasgach. Ach bha iad na b’fhasa do an bhioraich (I) an gearradh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
so-bhiadhta
Quot.: “Chan fhaca mi beathach a riamh cho so-bhiadhta ris.” Note: easy to feed, would eat anything.
Origin: [Ness]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sodalan
Note: cealgach, dà-bhialach, leam-leat. “Cho caochlaideach, seachranach ri beachdan sodalan.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
soisdeir
Seo facal a bhiodh aig na bodaich thall againne mu dhuine a bhiodh an còmhnuidh aig gnothaichean soisgeil gu h-àraid a’ teagaisg. A’ teagaisg a h-uile cothrom a gheibheadh e. Soisdeir siod, ’s soisdeir seo, chanadh iad. Is ann aig na bodaich nach biodh cho cràbhach a bhiodh am facal ‘soisdeir’ ’ga chleachdadh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
soitheach-chuairt, soitheach-thimchill (I)
Soitheach agus broinn innte – dìreach mar eathar ceart, agus timchill oirre. Dèanta de fhiodh tana a ghabhadh lùbadh. A h-uile càil oirre dìreach mar eathar mór. Ach ’s e corra dhuine de na balaich a bhiodh cho làmhcharach agus gun dèanadh e tè.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
spearrach
fetters. Bha seo (chan eil e dol an diugh idir cho fada ’s is aithne dhomh) air a chur eadar cas-chinn agus cas-dheiridh, mar seo:
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
spian
[spĩɤ̃ṉ] Quotation: Tha e cho tioram ris a spian. Notes: completely dry.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
spiolc
gameness, sportiveness, fun. “Cho beag spiolc ’s a bha ’s na daoine sin.”
Location: North Uist, Grimsay, Gearradh Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
spiorad
nn ‘spirit’ : ‘s e ~ marbh __ ‘ bha san duine sin; gu robh i cho [o] cunnartach agus an ~ aice; pl.: bha ise ‘ creidsinn sna spioraid;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
spiuthair
[spȷu̟həð] Note: fear le làmh fhada. “Do ghàirdean ro fhada gun cheannsail, dha sìneadh ’s chan ann cho na còir.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
spiùnn
[spiũ̜:n̪] Quotation: Cho tioram ris a’ spiùnn. Notes: a tinderbox for catching sparks.
Origin: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
spliot
vb. ‘split’: COND.: ~adh e cho rèidh ri -- glaine
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
srad
Quotation: Cho tioram ris an t-srad.
Origin: Bunloit
Category: Measgaichte / Miscellaneous
srulaichean
Bha Dòmhnull (balach) ag obair leis an sgithinn (agus i cho geur). Cha robh mi ann nuair a chaidh i chun na h-òrdaige aige, agus thàinig na srulaichean de an fhuil.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
strapail (-e)
in the sense of a strong striding action. “Chan fhaca mi riamh te bha cho strapail gu coiseachd.”
Location: South Uist, Milton
Category: Measgaichte / Miscellaneous
stretch
vb ‘stretch’ : vbl adj.: làmh an duine cho ~-te [o striʧt́ə] brèagha ‘s a ghabhadh e
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
suarach
adj. ‘despicable’ : agus ‘s e am mèirleach rud cho ~ ‘s tha air an t-saoghal
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sìobhalta
adj. ‘civil, mannerly’ : dh’fhaighneachd iad cho brèagha ~, spry, càit an robh __ na remains; tha iad uamhasach ~ [FMM]; bha triùir chloinneadh ann ‘s iad modhail, ~ [DAG]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sìoladh
Chan eil fhios ’am am bheil agaibh sìoladh, air a chleachdadh mar seo: “Tha sìoladh de ghoirteas ’n am amhaich” dìreach mar a bha mi-fhìn air an t-seachdain a chaidh. Sìoladh de ghoirteas (an goirteas a bhith ann ach gun e bhith mór). ’S ann mu amhaich, cho fad ’s a tha cuimhne agam, a bhiodh sinn a’ cleachdadh sìoladh.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sùbailte
[su̜:bilʹtʹə] Quotation: Tha e cho sùbailte ri easgann. Notes: supple.
Location: Skye, Sleat, Calligary
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sùghadh
Quotation: Cho fad ’s a bhios sùghadh am bun càil, bi foill air Macphàil.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tafoinneach
[t̪ɑfɔ̃nʹɑx] Quot.: “Gabh an rathad; tha e cho tafoinneach dhuit a dhol an taobh sin.” “Àite tafoinneach.” Note: difficult to traverse because of the nature of the ground.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
taobh, a th.
prep. ‘on account of’: bha iad a’ faighinn beagan airgid a th. seo teaghlaichean cho mhòr agus cha bhiodh ~ air fhàgail
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
tapaidh
adj. : tha i cho ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
tathainte
inquisitive, nosey, e.g. talking about tailors – “Bha iad sinn riabh cho tathainte a’ feitheamh a h-ùile facal.” [NOTES: ‘sinn riabh’ corrected to ‘sin riamh’.]
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
teann
[ʧhɛ͜un] adj. ‘close’: ma thig agad air a dhèanamh cho math ’s as urrainndhut, cho ~ air ’s as urrainn dhut; ~ air a chliathaich
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
teann, ~ air
prep. ‘near to’ : chaidh mi gu math ~ air; cho ~ ‘s ‘ bha esan a bhith air a mharbhadh; tha e ~ air àit’ ris an canadh iad Ceap Cùbraich [MM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
teine-biorrach
glow worm. “Cho luath ris an teine bhiorrach.”
Location: Harris, Horgabost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tilgeil an ùird
throwing the hammer. Cha robh seo againne idir, no aig an fheadhainn romhainn, cho fada ’s is aithne dhomh. Ach bha lorg aca air glé mhath. ‘Tilgeil an ùird’ a chanadh iad. (Chì sibh ’s e ‘tilgeil’ a chanas sinne airson ‘tilgeadh’ ann an àiteachan eile.)
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
tioram
Quotation: Tha e cho tioram ris a spian. Notes: completely dry.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tioram
Quotation: Cho tioram ris a’ spiùnn. Notes: spiùnn – tinderbox for catching sparks.
Origin: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tioram
Quotation: Cho tioram ris an t-srad.
Origin: Bunloit
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tiorraghais
I am not sure of this one. Cho fada ris an tiorraghais. Unless it means t-shiorruidhachd fàis – a matter of guess? Perhaps some other place may have the definition.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tollach
[t̪ɔɫɑx] Quotation: ’S ann tollach a bha e nuair a chunnaic e cho beag ’s a thug mi dhà. Notes: showing dissatisfaction.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tollach
[t̪ɔɫɑx] Quot.: “Tha e tollach air cho beag ’s a fhuair e.” Note: said of a person who is covetous. Say two people were given a portion each of something and one got more than the other. If the person who got less was jealous of what the other got he would be “tollach”.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
trom
Quotation: Cha robh an obair cho trom [trom].
Origin: Loch Tay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tràsg
I am not sure of this one: is it turf? This expression is very common on Scalpay or Harris if you wish: Cho tioram ris an tràsg. I have noted it on a previous page, or formerly.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tràsg
? Cho tioram ris an tràsg. (Scalpay)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tràsg
[t̪ɾɑ:sɡ] Quot.: “Cho tioram ris an tràsg.” Note: the straw in the kiln on which seed was put for drying.
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tràthach
Quotation: Cho tioram ris an tràthach. Notes: Hay?
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tuaim-thàmh
cho marbh anns an tuaim: neo thainig tuaim-thàmh – death sleep, rest.
Location: Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tàth
Quotation: Bha mi cho beag tàth… Notes: ‘lacking in energy’.
Location: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tèim
[t̪ɛ̃:m] Quotation: Chaneil [t̪ɛ̃:m] aca gu bheil an rathad cho caol. Chaneil [t̪ɛ̃:m] aca air an obair. Notes: sense, skill.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
uasal
adj ‘generous, considerate’ . : cho ~ ‘s a bha iad ri-san (? < ris-san) [DAG]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
urad
nn ‘as/ so much’ : ‘s i cho [o] cheart ~; a’ cur __ ~ [ɤrət] do shuim __ sa sgoil
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
àraid
Quotation: Tha Iain cho àraid – so funny: humorous. ’S àraid a rud a tha sibh ag iarraidh. – queer: unusual: exceptional: strange. Nach b’àraid a rud a rinn e. – unexpected.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
àrd-labhrach
loud voiced. ‘Cha leigeadh e leas bhi cho àrd-labhrach.’
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
èibhinn
adj. ‘comical’: bha e cho ~ ‘s a ghabhadh e
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
èirich
vb ‘happen; set to; start, start out’ : past: chan eil fhios agam dè dh’èirich dha mu dheireadh [FMM]; cond.: bha iad cho [o] dona gu sabaid an uair sin, dh’èireadh iad air a chèile leis na dùirn [MAE]; vbl nn.: tha a’ cheart rud ‘ dol a dh’ èirigh dhuinn uile latha eigin; tha mise ag èirigh a-nunn; ‘s iad ag èirigh air bruidhinn Gàidhlig; ‘s e ‘g èirigh air imilich mo làmhan; bha e ag èirigh air goid nan caorach
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
éididh
Quot.: “Nach eagallach cho éididh ’s a tha ’n t-aodach a th’air.” Note: poor in quantity and quality.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ùine
nn f. ‘time’ : cuiridh e seachad ~ cho math air duine; dè an ~ a dh’fheumadh am buntàta bhith na phòca; tha mi ‘ dol a phòsadh an ~ ghoirid; gen.: mun àm a bha iad air a __ a’ dol ‘ ghabhail an ~ aig a’ bhoireannach
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
“Ma thà tha mi!”
(Do an chluais mar: ma hà hammy (faisg air có dhiu).) Bidh lorg gu math aig Ruairidh, am profeasar, mu an tè-sa. Bha i dol strong ann an Leòdhas bho bha Ruairidh ’na ruaganach balaich. Bidh fhios agaibh fhéin, chanainn, agus sibh cho seorp, dé mar a tha i air a cleachdadh. “Yes indeed.” “I would think so.” “To be sure.” ’S mar sin, ’s mar sin.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
“chaidh e cho geal ris an anart”
his face turned white as a sheet.
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
cho bodhar ri creag”
Location: [Harris], Leverburgh, Kintulavaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cho bodhar ris an talamh”
Location: [Harris], Leverburgh, Kintulavaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^