Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 107 hits for buain

2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar, ainmean nam fàdan, etc.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Gearrloch, Achadh a’ Chairn [Gairloch, Auchtercairn]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: An t-Eilean Sgitheanach, Stafainn [Skye, Staffin]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Cinntire, An Ceann a Deas [Kintyre, Southend by Campbeltown]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Harris, Tarbert
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: North Uist, Grimsay
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Lewis, Shawbost
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Lewis, Lochs, Leurbost
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrigh [Skye, Portree]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Location: South Uist, Peninerine
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Barra
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Borraraig [Skye, Boreraig]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Camaschros an sgìre Shléite san Eilean Sgitheanach [Skye, Camus Chroise]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Cataobh [Sutherland – probably meant as the county not origin]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Inbhirnis [Inverness – most probably meant as the county]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Leódhas, An Rudha [Lewis, Rudha]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Ratharsaireach [Raasay]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Sgìre na Pàirc an Leódhas [Lewis, the Park district]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: Uibhist-a-Tuath [North Uist]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: [North Uist - according to the card index of Informants]
Category: Mòine / Peat-Working
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Category: Àiteach / Agriculture
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Location: Na Hearadh [Harris], Finsbay
Category: Àiteach / Agriculture
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Origin: Bràigh-Lochabar [Brae Lochaber]
Category: Àiteach / Agriculture
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Origin: Leòdhas [Lewis]
Category: Àiteach / Agriculture
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Origin: Na Hearadh [Harris]
Category: Àiteach / Agriculture
7. A’ buain agus a’ tiormachadh an arbhair no an fheòir
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
Di-haoine
Cha bu chor toiseachadh air rud sam bith. Bhitheadh droch rath an cois buain neo gearradh agus cha bu chor dad a cheannach.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Na trì nithean as iasgailte a tha ann:
“Dubhan bradach, beairt ribeach, slat cham chaorainn air a buain ann an aodainn creige.” Bho Uilleam Mac Illeathain (78) am Poll-Dùbh. Mhìnich e dhomh e mar seo: Bha am fiodh cruaidh (fàs mall) leis nach robh móran torraidh aice (a’ chraobh) an aodainn creige. An uair a bha an t-slat cam bha i nas nàdurraiche os cionn an uisge, an dubhan meirgeach agus geur agus mar sin bradach, am beairt ribeach (a’ ghaoisid uirlach [?]) (a’ mealladh an éisg). ’S ann gu h-àraidh air creagach a bha e tighinn.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[Latha Fheill Moire]
“Latha Fheill Moire, mór ’s t-fhoghar, buain is ceangal” – this saying would be uttered on the 15th of August.
Location: South Uist, Geirinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[a’ tional maorach]
A reir de cho pailte s’ atha iad than giomach ri bhith air iasgach le cliabh ’s a chum fharlainn pailte a leabag mar bhiadh. Tha an crùban gaolach air iasg ùr, mar is bitheanta sòrnan is fhearr, air neo cudainn. A reir a pailteas air a’ ghrunnd b’e doigh(ch) a b’fhearr far a biodh faochaig pailte gach clach is feamann air neo roc a ghlanadh air fala as do rathad air thaobhs gu faodach leisinn [?] air an togail le’d dha làmh ’s gan cur anns a phail an triseach, sin do’m phoca. Fagaig an sin a fhaochaig, fiasgain ’s fhearr am fasgann dar a bhios i eadar an da luinn dluth air uisge fresh s mur a s bitheanta far am bith iad pailte mar sin gheobh thu pearls annta chionn tha iad nas mutha. ’S doich air a bhairneach darna cuid clach ma dha phùing le oir car giar agus a bualadh a sios a rathad le oir na cloicheadh [?], a bualladh [?] le cabhag. Bu [?] sput fish daonnan a miosg geineich gheal agus far a feic thu i spùtadh tha thu gan grapadh as a gheinich gus a bith do bos agad am breallach air an aon (àn) doigh[.] Tha esan a sputadh cuideach le cabhag a dheanadh tha ga fhaotain[.] Far am bith na cockles pailte tha iad air barr a ghrunnd le muir traigh (Càn a mach). Slige chreachain fheamadh tu a togail far a ghrunnd far a feicedh tu a ach gu math bitheanta tha i ’sa làthaich a bharrachd air a bhith ’s a gheinich[.] Lungaich chi thu uraball air barr na criadh, tha thu ga glaochach [?] mar gum bith [?] buain buntata ’s am piocadh a mach. Se buain lungaich a chanas iad. Feama tu an fheamainn dhubh a ghearradh far na creigeadh le corran. ’S an fhior aire a thuibhairt (a thoirbhairt) gum bith toll taomaich anns a bhata bhios ’ga giùlan[.] An doigh a bh’aig na seanna Ghàidheal b’e basgaid sgadain bhi shios mu dheireadh air urlar a bhàta ma biodh i luchdaichte chionns nach phlod (plod) an fheamainn dhubh[.] Phlodaich gach roc is gach feamann eile gad a bhiodh bata a stealladh dorlach uisge. Fear a bheil faiche ghiomaich na pairce beag de ghaineach air beulaibh an tuil agus dar a dh’itheas e am biadh tha e ’g ithe beagan de’n ghaineach. (tiomalaich [?])
Location: [Mull], Tobermory
Category: Maorach / Shellfish
[buain]
An t aon a chuireas ’s a Mhàrt ’s t foghar bidh buain aige.
Location: Mull [see below for details]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[buntàta]
An Rubha agus am Bac ann an Leòdhas. Canaidh an dàrna feadhainn “togail a’ bhuntàta”, agus canaidh an fheadhainn eile “a’ buain a’ bhuntàta”.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[feadarachd]
Cha dean feadarachd ‘kelp’, ’s cha dean sglogaireachd buain-mhónadh.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[feannadh]
Anns an Earrach bithidh sinn a feannadh na monadh. Cuid a bhios toirt barrach feantachd air cuid eile. Ann a bitheantas da throidh air son ochd foid. Aon uair bhiodh deichnear de sgipe a buain fat latha ach se siath a bhios ann an nis. Ma bhios an tide tioram bi sinn a togail na monadh ann an da sheachuin. Bidh sinn a ris ga rudhadh agus a ris a cruachadh. Mar is trice bidhidh sinn a tathadh nan cruach mur a bidh sinn ga toirt dhachaidh. Se an taisig is smiosa le torr opair chruidh nuair nach eil a tide math. Cutting off the top turf. Some cut the turf wider than others. Usually it is 24" wide giving 8 peat per cutting. Once there used to be ten 5 irons with two to each but now it’s usually 3 irons 6. If the weather is dry we lift the peats into small stacks in two weeks then bigger stacks and then again the bigger stacks for the winter. We thatch the stacks to keep them dry, that’s unless we are ferrying it home right away as some now do. The ferrying is hard work when the weather is not favourable.
Origin: Inbhirnis [Inverness – most probably meant as the county]
Category: Mòine / Peat-Working
[la buain na monach]
’S e la mor a b’abhaist a bhith ann an la buain na monach, gu h-àraidh do’n chloinn. Bha a’ mhoine cho faisg air bailtean ceann shios an Rudha is gum biodh an sgiobadh a’ tighinn dhachaidh gu gach biadh. Dh’innseadh bratach dhaibh ’cuin a bhiodh am biadh deiseil. Bha searbhadair shoithichean, no pios aodaich air chor-eigin eile ga cheangal ri bàrr slait chreagaich fhada, agus rachadh duine leatha chun an tobhta, no eadhon suas gu mullach an tigh dhuibh ga cumail suas riu. ’S e urram mór a bhiodh ann do’n ghille a gheibheadh suas leis a’ bhrataich so, ach b’e a dhleasdanas airson na duais so an teine a fhrithealadh is gun a leigeil as, agus e bhith cinnteach gum biodh pailteas do uisge na tobrach ri laimh a’ chòcaire. Cuideachd, air an la so, bhiodh mìlsean ann, gu h-àraidh silidh, agus as docha lof, nithean a bha gle annasach roimh am a’ cheud chogaidh mhóir. Bhiodh cuid de thighean ann is cha bhiodh so aca, agus a chionn sin bhiodh e duilich dhaibhsan òigridh fhaighinn do’n sgiobadh aca. Bhiodh iad so aig amannan air an aoireadh ann an rabhd: ’An Dhomhnuill ’s cha bhi silidh ac’ / ’S cha bhith [sic] càil milis ac’, / ’S mise nach teid idir thuc’ / A dh’ithe bioraich shioman. Agus a ris: Bhuain dhan Donnach cha teid sinne, / So a bheir an Donnach dhuinn, / Buntàt’ athurrnach gus ithe, / Teatha gun shiùcar, ’s brochan lom; / Rionnaich ruadh’ thug bliadhn’ am piceil, / ’S bidh sinn seachdain le ar com. Nuair a rachadh la a shuidheachadh gu buain ’se la nan seachd sian a bheireadh orra an la sin a bhristeadh, agus bhiodh iad ’nam botunnan ’s nan oiliscin anns na puill. Cha chuireadh uisge stad idir orra, ach chuireadh sneachd. Bhiodh iad a’ buain na monach na bu tràithe aig an am ud is aig iasgairean agus aig clannighean an sgadain togail orra a Ghallaibh, a Shealtuinn is dhan a’ Bhruaich is bhiodh iad airson obair an fhearainn is na monach a bhith ullamh mas fhàgadh iad. An diugh chan eil a’ chabhaig cho mor, agus an diugh tha tentaichean an cois luchd na monach, eadhon ann an cridhe an t-samhraidh far an ruith iad ma thig fras. Faic ‘An Sireadh’ le Ciorstai NicLeòid as Paible an Rudha. T.D. 7-8 ‘Buain na Monadh’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
[mòine]
“Bha là eile aig fear buain na mòna.”
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[skipɑiṉ]
Quotation: Am bi sibh a’ buain le féith no am bi [skipɑiṉ] ann?
Origin: Arran
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[teas]
“Bha iad ann an teas buain na mòna.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a buain
reaping / cutting.
Category: Àiteach / Agriculture
a buain
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a buain a choirce
Category: Àiteach / Agriculture
am blàr mòna
Far am bi a’ mhòine air a buain. Far am bi móran pholl.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
anns an tràigh bhàirneach
Canaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
anns an tràigh fhaochag
Canaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
anns an tràigh fhèasgan
Canaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
ath-mhoine (a-foin anns gach aite)
Fadan a chaidh fhàgail an sud ’san so air na puill. Bha iad so ro fhliuch air son an cur gu rathad. Bidh iad tioram gu leòr gus teine a dheanamh aig am buain, rùdhadh is cur gu tìr. ’S e ath-mhoine cuideachd a chanar ris na bhios air fhàgail do mhoine na bliadhna ’n uiridh as deidh a’ chruach ùr a bhith air a deanamh.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
ath-mhòine
Mòine air a buain ann am broinn poll-mòna eile. Bhiodh doimhne mhór réisg ann mus biodh a leithid seo ann.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a’ buain
cutting.
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrigh [Skye, Portree]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ buain
reaping / cutting.
Category: Àiteach / Agriculture
a’ buain
cutting.
Origin: Sgìre na Pàirc an Leódhas [Lewis, the Park district]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ buain a’ choirce
Category: Àiteach / Agriculture
a’ buain bhàirneach
gathering limpets. [NOTES: slipped under ‘bàirneach’ with ‘a’ buain bhàirneach’ as the quotation.]
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrìgh [Skye, Portree]
Category: Maorach / Shellfish
a’ buain choilleagan
Origin: [Skye, Camus Chroise]
Category: Maorach / Shellfish
a’ buain fhiasgan
gathering mussels. [NOTES: slipped under ‘fiasgan’ with ‘a’ buain fhiasgan’ as the quotation.]
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrìgh [Skye, Portree]
Category: Maorach / Shellfish
a’ buain maoraich
knocking the limpets off the rocks.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
a’ buain maoraich
Origin: [Skye, Camus Chroise]
Category: Maorach / Shellfish
a’ buain mhaorach
gathering limpets.
Location: Eilean Thiriodh, Cornaig Mhór [Tiree, Cornaigmore]
Category: Maorach / Shellfish
a’ buain na mònach
cutting the peats. (Lewis)
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ buain na mònadh
cutting the peats. (Harris)
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ buain ’s a cuir a’ mach
[sic] cutting and spreading. [(Lewis)]
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
a’ chruaidh
’S e ‘a’ chruaidh’ a chanas na Nisich ris a’ bhunait, agus ‘a’ chruadhlach’ anns an Rudha ’s air na Lochan. (Rainis) “Rainig sinn a’ chruaidh (a’ chruadhlach) a’ buain.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
buain
Toisichear a’ buain a’ phuill aig a’ cheann no aig earball – a reir ’s gu de an àirde gam bi aodann a’ phuill ag amharc. Co dhiù feumaidh smeachan an tairsgeir a bhith gu do chois dheis.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
buain
Quotation: a’ buain le gaoith. Notes: cutting seaweed on a day with a favourable wind for driving it onshore.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
buain
Quotation: Buain ribeach, robach, shalach air droch (dhroch?) bhann. Notes: making a complete mess of things.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
buain
Quotation: a’ bhuain. Notes: the harvest.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
buain
Quotation: a’ buain a’ mhòine. Notes: cutting peats.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
buain
a cladhach a mach na mònadh.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
buain (f)
cutting corn or hay.
Location: [Arran? see the comment under 3]
Category: Àiteach / Agriculture
buain bhàirneach
Le òrd maoraich. A chipping knife for knocking limpets off the rocks. Sgian bhùird làidir, le pios air a’ ghearradh bhon ghob, is luideag air a suaineadh mun laimh aice, is air a réileadh le pios sreang lin bhig gus nach sleamhnuich e ’na laimh nuair a bhios e fliuch.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
buain le sgipe
cutting with assistance for the day.
Origin: Inbhirnis [Inverness – most probably meant as the county]
Category: Mòine / Peat-Working
buain leotha fhein
Tha so a’ ciallachadh an rud a tha e ’g radh. Cha chuireadh iad so sgiobadh a mach idir.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
cailpeach
a ghlas air a buain.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceap-chinn
Quot.: “a’ buain cip-chinn”. Note: turf divots with earth in the top half, peat in the bottom half. Used for burning.
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cliabh cleibh
[pl.] creel. Is ann le cleibh bha a’ mhoine air a’ to’airt dhachaigh anns an t-sheann aimsir. Is e sealladh gle chumanta bh’ann gach fear-tigh fhaicinn a’ dol gach la dhiarraidh cliabh moine do an cruach, a’ dhaodadh bhi suas ri mile air falbh o’n tigh. Ach cha-neil aon chliabh ri fhaicinn anns a’ chearn so o chionn iomadh bliadhna air ais. Tha a’ mhoine nis air a giulan dhachaidh le carbaidean ola de gach seorsa. Tha rathaidean nis anns gach aite, agus mar sin tha a’ mhoine air a buain cho faisg air an rathad ’s a ghabhas deanamh.
Origin: Cataobh [Sutherland – probably meant as the county not origin]
Category: Mòine / Peat-Working
corran-shìol
Bha corran-shìol airson a bhith a’ glacadh shìolan (sìol ghainmheach) air na tràghannan. ’Se corran-buain a bhiodh ann agus e air a ghearradh beag mar a chì sibh shuas agus fiaclan maola air an toirt ann airson gréim. Bha faobhar a’ chorrain air a mhaoladh – nam biodh e geur, ghearradh e na sìolan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
fear a’ buain
Origin: Camaschros an sgìre Shléite san Eilean Sgitheanach [Skye, Camus Chroise]
Category: Mòine / Peat-Working
fosgladh a’ phuill
’S e so a’ toirt bearn air siobhadh air a’ charcus aig a’ cheann far an toisichear a’ buain, gus a ruith na fadan gu siùbhlach bho’n tairsgeir. Theid so a dheanamh le spaid no tairsgeir.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
gaoth
Quotation: a’ buain le gaoith. Notes: cutting seaweed on [sic] with a favourable wind to drive it ashore.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lunga, lugnich, buain lunga
9 [Bristle Worms].
Location: Mull [see below for details]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Quotation: “Bha là eile aig fear buain na mòna.”
Location: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
làr-cheapa
[ɫɑ̟:rçẹp̊ə] Notes: spaid beag airson buain sgrath.
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
moine phronn dhubh
Mun a tig a’ mhoine so dhachaidh mus bi i buileach tioram theid i ’na smùr air na puill. Tha i  trom, is tha moran teas innte, agus ged a rachadh i ’na smur aig an tigh tha an smur so mar an gual ann an stòbha. Mar as trice ’se luath anabarrach dearg a ni i mar gum biodh moran iaruinn innte. Tha i so air a buain ris a’ chruadhlach.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
no cromadh a’ bhrochain
Bhiodh am brochan (chan è lite, ach brochan na feòla) aca a muigh aig buain na mòna. Dithis mu’n toirbhsgear bhiodh iad ag atharrachadh as déidh a’ h-uile biadh – na’m biodh tu a’ leagail, as déidh a’ bhidh dheadh tu a thilgeil. Bhiodh strì am measg nam bodach airson faighinn a thilgeil an toiseach airson faighinn a leagail as déidh a’ bhrochain. Bhiodh iad cho làn agus cho dùmhail as déidh a’ bhrochain agus gu robh e mòran na bu chomhfhurtail a bhith a’ leagail na a bhith a’ tilgeil.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
ruig am fàd
Comhairle a bheireadh lamh eòlach do ghille no do chaileig a bhiodh aig toiseach tòiseachaidh a’ buain. Bha sin a’ ciallachadh, “Sàth an tairsgeir sios dìreach gu uachdair an smeachain.”
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
rusgadh
Air tus gearradh a’ bhlair le spaid, agus na dheidh sin a to’airt air falbh nam plocan uachdrach le cablair. Turfing – first cutting long ways and crossways by spade, after which the turf is removed by flatter-spade, sketch of which is shown. Tha nis an t-ullachadh deanta arirson buain na moine le taraisgil – aon fhear a’ gearradh is fear eile a’ sgaoiladh [sic] mach na moine air a’ bhlar. The way is now prepared for cutting and casting the peat by tusk – one man cutting and another spreading out the peat on the moss.
Origin: Cataobh [Sutherland – probably meant as the county not origin]
Category: Mòine / Peat-Working
rùsgadh
A’ rùsgadh na talmhainn bharr uachdar a’ phuill gu’m faigheadh tu an riasg glan. An uair sin bha thu deiseil airson tòiseachadh a’ buain. Leud an rusgaidh: Airson poll dhà fhad, dà throigh (2'). Airson poll thrì fad, troigh gu leth (1½'). Ach airson poll ùr ann an lèana b’e leud fad spaide an leud bu lugha a dh’fheumadh a bhith ann. Bha seo airson na’n deadh ainmhidh do an pholl gu’m biodh rùm aige airson tionndadh. (lagh an fhearainn no lagh an uachdarain). Doimhne an rùsgaidh: Gu robh thu a’ faighinn an réisg glan.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
sgioba
crew. Sgioba buain mhònadh.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgioba
Quotation: (peat) 1. A h-aon a’ buain. 2. A h-aon a’ sgoradh. 3. A h-aon a’ socrachadh (putting the peats in place). Notes: Two on the second peat and two on the third. It was usually a boy for 3. socrachadh.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgioba buain mhònach
the working team consisting roughly of nine. This was considered capable of cutting fuel for one year for one household: ceithir iarainn agus duine rùsgadh.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
sgioba no sgiobadh
Peat cutting crew. ’S e criudha buain mhonach a tha am facal so a’ ciallachadh an diugh. Cha chuala mise a riamh e shios againn fhin ann an Rudha, far am bheil moran eathraichean fhathast, no ann an Uig a’ ciallachadh sgioba bàta no eathair.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
sgiobadh
Nuair a bhiodh grunn mór thoirbhsgearan de mhuinntir eile a bhaile agad a buain na mona. Bhuaineadh iad i ’s an aon latha. Bhitheadh tu fhéin a rithist aca-san air là an sgiobaidh aca. Chan eil fhios agam dé cho tràth ’s a thòisich an obair-sa, an sgiobadh. Iomadach uair do dhuine leth-làmhach a rinn sinn a bhuain dha ’s an aon latha. Cha chanadh sinn sgiobadh ris an seo idir.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
sgiobadh-buain-na-mònach
the peat cutting team.
Origin: Leódhas, An Rudha [Lewis, Rudha]
Category: Mòine / Peat-Working
sgrath (mhór)
air a buain le caibe-làir.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
sgrum
So an t-ainm a tha aig na Nisich air na feusgain bheaga a tha fàs ’na miltean ri taobh a cheile air na sgeirean. Cha chuala mi an t-ainm so ann an àite ach an Nis. Bidh na Nisich a’ buain nam peileachan dhuibh [sic] le bhith cur spaid fodhpa, agus pronnaidh iad iad ’na lite airson pronna-bhiadhadh gus na cudaigean a thàladh far an ruig an tigh-thàbhaidh orra.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
spaid
Mar ’san toirbhsgear: cas agus ceann (an dà phàirt mhór) – dul na spaide – lurga na spaide – cluaisean na spaide – oisean na spaide. Toirbhsgear agus spaid, an dà uineal a bh’air a chleachdadh againne ri buain na mònach. Cha do rug an caibe-làir no a leithid sin òirnne.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
spaid (f)
an Uibhist cha chleachdar spaid ach san feannadh no glanadh, ach am badan dhe na Hearadh bidh iad a’ buain leis an spaid.
Origin: Uibhist-a-Tuath [North Uist]
Category: Mòine / Peat-Working
sreith
Quotation: “Tha i a’s an t-sreith.” Notes: average. Probably borrowed from army language: “in the ranks”. Also a furrow – “a buain na sreith chlaisean”. Sreith bhuntát – a drill of potatoes.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tairsgeir
Peat-cutting iron. ’Se tairsgeir an aon inneal buain mhonach a bhios iad a’ gnathachadh ann an Leodhas, ach aig amannan theid grabhag a buain le spaid. “Spadadh nan grabhagan”, mar a their iad.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
toirbhsgear
An t-iarunn gearraidh: – cas an toirbhsgeir – an smeachan – iarunn an toirbhsgeir – an sgian – crò an toirbhsgeir. Toirbhsgear agus spaid, an dà uineal a bh’air a chleachdadh againne ri buain na mònach. Cha do rug an caibe-làir no a leithid sin òirnne.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
traoisgeir
se seo an t-inneal a bhiodh a buain na mònadh.
Location: South Uist, Peninerine
Category: Mòine / Peat-Working
traoisgeir (f)
an t-inneal leis am bheilear a buain.
Origin: Uibhist-a-Tuath [North Uist]
Category: Mòine / Peat-Working
tughadh
[masc.] the thatch – could be: Tughadh connlaich no Tughadh fraoich no Tughadh de bhunan eòrna. Bhathar a’ buain no a’ spionadh an eòrna leis a bhun dubh agus ’ga cheanghail. ’Nuair a bha e tioram bhathar a’ sgathadh gach sguaib le coran [sic] mór a dh’aon ghnothaich air son so fhéin – ris an cainte corran sgathaidh. Bha na bunan so air am meas nan tughadh air leth dionach.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
“Bhrist sinn an la.”
Tha sin a’ ciallachadh gun tainig air an sgiobadh sgur a bhuain leis an droch la gun an obair a chriochnachadh. Bha cuid do dhaoine ann is bha e eu-comasach dhaibh la math buain a bhith aca. Bha iad so somhraichte anns gach baile agus dh’fheuchadh muinntir eile a’ bhaile an la shuidhicheadh iadsan a sheachnadh gu buain iad fhein.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working

^ Return To Top ^