Displaying extended context for query match in text 217001
    

Bhreatunnaich a bh ' anns an àirde n - ear de ' n dùthaich sin a bha deas de ' n chrìch a dh ' ainmich mi cho minig .
 
Chaidh so a thoirt mu ' n cuairt le ìnnleachdan an t - Sasgunnaich , Eadmund , aig an robh seilbh air Northumberland , agus Chaluim , a bha riaghladh na cearna a bhuineadh do na Cruithnich agus do na Sgottaich Eireannach .
 
Roinn Eadmund agus Calum fearann nam Breatunnach eatorra .
 
Ré chóig cheud bliadhna — o mheadhoin na ceathramh linn gus an do thuit gu buileach rioghachd nan Cruithneach — bha daimh dhlùth agus làidir eadar an dà chinneach do ' m buineadh àirde n - iar na h - Albann .
 
An toiseach , bha na Sgottaich Eireannach ' nan luchd - cuideachaidh leis na Cruithnich , agus an sin bha iad ' nan aoidhean draghail aig nach robh guth air tilleadh dhachaidh .
 
Spàrr iad orra an creideamh Criosdail agus a ' chainnt Ghàidhlig ( mar a bha i air a labhairt an Eirinn ) .
 
Ma dheireadh , thug iad uatha , mar a chunnaic sinn , gach cumhachd agus neo - eisimeileachd air an robh

Powered by CQPWeb