Displaying extended context for query match in text 102001
    

shaileach , agus , na ' m faodte a mathair a chreidsinn , le dorlach de ' n òr ' na sporan a bharr ' air na bha mu ' muineal agus ' na cluasibh dheth .
 
An deigh do Ruairidh Eoghain an tàilleireachd ionnsachadh o ' athair , thug e Glaschu air ; aig ceann bliadhna no dha , thug e cuairt air ais a dh ' fhaicinn a chairdean , le a dheiseachan briagha de thaghadh nan clò Sasunnach , le ' bhata cuilc agus ceann airgid air ' n a laimh , agus sgailean sioda fo ' achlais , le uaireadair airgid air slabhruidh òir , le ' fhaineachaibh agus le ' sheudaibh cosdail — co a theireadh nach be latha an àigh dhasan , an latha a dh ' fhag e a dhuthaich .
 
Rinn cuairt Ruairidh a leithid de fharum ' s an sgireachd ' s gun robh Donncha nan oran air a ghluasad gu bhi luaidh a chliu ann an ranntachd dheth nach eil air ar cuimhne aig an àm ach an rann a leanas — “ Ged a chaidh do phàrantan , Arach air an Leth ' r Mhuileach , Cha ' n ith

Powered by CQPWeb