Displaying extended context for query match in text 100
    

LATHA CHUILODAIR .
 
LE IAN RUADH STIUBHART .
 
AIR FONN — “ Mort Ghlinne Comhann .
 
” O !
 
gur mor mo chuis mhulaid , ' S mi ri caoine na guin a ta ' m thir , A rìgh !
 
bi laidir ' tu ' s urrainn , Ar naimhdean a chumail fo chìs Oirnne ' s laidir diuc Uilleam , ' N rag mheirleach tha guin aige dhuinn ; B ' e sud salchar nan steallag , Tigh ' n an uachdar air chruineachd an fhuinn .
 


[TD 35]

Mo chreach Tearlach ruadh , boidheach , Bhi fo bhinn aig rìgh Deorsa nam biasd ; B ' e sud dìteadh na còrach , An fhirinn ' sa beul foipe sios ; Ach a rìgh mas a deoin leat , Cuir an rìoghachd air seol a chaidh dhinn , Cuir rìgh dligheach na còrach , Ri linn na tha beo os ar cinn .
 
Mo chreach armailt nam breacan , Bhi air sgaoileadh ' s air sgapadh ' s gach àit , Aig fior bhalgairean Shasuinn , Nach do ghnathaich bonn ceartas na ' n dail ; Ged a bhuannaich iad baiteal , Cha b ' ann da ' n cruadal

Powered by CQPWeb