Displaying extended context for query match in text 102001
    

an ceudna , thàinig i eadar esan agus a ' ghrian , ' s thuit a faileas air .
 
Ghrad thog esan air a chliabh is dh ' fhalbh e dhachaidh .
 
An la ' r na mhàireach bha e dol do ' n bhaile mhargaidh a b ' fhaisge air , air ghnothach , is co a chiad aon a thachair air ach a ' cheart bhean .
 
“ Bheir mise ort , ” ars ' esan , “ nach bi thu daonnan a ' cur buidseachas ormsa .
 
” Is tairnear e botal a bha aige ' na achlais is ghearr e ' bhean chòir ' sa ' mhaladh .
 
Thug e a leithid do phailleart dhi ' s gun do theab e cur as di .
 
Chaidh a thoirt gu mòd .
 
Dh ' fheòraich am breitheamh dheth “ Ciod a thug ort a ' bhean a bhualadh ?
 
Ciod a rinn i ort ?
 
” “ Rinn i gu leòir orm ” fhreagair e , “ bha i daonnan a ' cur ubagan orm , is bha mi dìreach ga m ' dhion féin o a gisreagaibh le fuil a thoirt ás a maladh .
 
” Chaidh

Powered by CQPWeb