Displaying extended context for query match in text 217001
    

a ' cheart àm , bha na Sasgunnaich Ghearmailteach a ' deanamh strìth agus saothair chum an làmh - an - uachdar fhaighinn thairis air na fineachan Breatunnach a bha sa ' choimhearsnachd aca .
 
Anns an t - seachdamh linn , bha Albainn air a roinn mar a leanas : — Tuath air Cluaidh agus Forchu bha dà rioghachd a bha dealaichte o chéile le monaidhean corruch Dhruim Albainn .
 
Air an taobh an iar bha rioghachd nan Sgottach Eireannach , agus air an taobh an ear ( a bha gabhail a staigh Arcaimh ) , bha rioghachd nan Cruithneach .
 
Deas air a ' chrìch a dh ' ainmich mi , bha , mar an ceudna , dà rioghachd .
 
Air an taobh an iar bha na Sgottaich Eireannach , agus air an taobh an ear bha na Sasgunnaich Ghearmailteach .
 
Aig deireadh na h - ochdamh linn , thàinig na Lochlannaich , agus an sin bha ' n ceol air feadh na fìdhle .
 
Anns an ùdaig a bh ' ann , fhuair an righ Sgottach , Coinneach Mac Ailpein , seilbh , sa ' bhliadh -

[TD 11]

na 844 , air righ - chathair nan Cruithneach ,

Powered by CQPWeb