Displaying extended context for query match in text 100
    

ruaig am ' dhéigh - sa , Cha dean mi ceum ro chabhagach .
 
Ged ' tha mo cheann air liathadh , ' S mo chiabhagan air tanachadh , ' S tric a leag mi mial - chù Ri fear fiadhaich ceannartaich ; Ged ' bu toigh leam riamh iad , ' S ged ' fhaicinn air an t - sliabh iad , Cha téid mi ' nis g ' an iarraidh O ' n chaill mi trian na h - analach .
 
Ri àm dol anns a bhùireadh , Bu dùrachdach a leanainn iad , ' S bhiodh uair aig sluagh na duthcha , ' Toirt òrain ùra ' s rannachd dhaibh ; Greis eile mar ri càirdean , ' Nuair bha sinn anns na Càmpan , Bu chridheil anns an àm sinn ; ' S cha bhiodh an dràm oirnn annasach .
 
' Nuair bha mi ' n toiseach m ' òige , ' S i ghòraich a chum falamh mi ; ' S e fortan tha cuir oirne Gach aon ni còir a ' ghealladh dhuinn ; Ged ' tha mi gann a stòras , Tha m ' inntinn làn de shòlas , O ' n tha mi

Powered by CQPWeb