Displaying extended context for query match in text 400066
    

a - mach troimh ' n gheamhradh .
 
Cha mhór nach cumadh luchd - turais na tha an urra ris an obair sin a ' dol fad na bliadhna ann am Bàideanach , ach anns a ' chòrr far nach eil Nàdur buileach cho fàbharach cha bhi ann ach obair shia mìosan aig a ' chuid as fheàrr .
 
Tha an rathad - iaruinn a ' ruith troimh pìos de ' n t - siorrachd bho Dhail - na - Spiotail troimh Dhail Chuinnidh , Cinn a ' Ghiùthsaich , An Agaidh Mhór , Drochaid - Charra , Tom - aiteann , Deimhidh gu ruig Inbhirnis far a bheil ionad stad an ìre mhath mór agus tha meur eile dheth a ' ruith suas taobh Loch Tréig chun A ' Ghearasdain .
 
Tha sin a ' toirt leis obair ' na chois , agus anns gach baile far an robh an trèana a ' stad bha cuid - eigin a ' faighinn cosnaidh ás .
 
Ann an àitichean mar An Agaidh Mhór agus Inbhirnis far an robh tòrr dol agus tighinn , le trèanaichean gan uidheamachadh , gan cumail glan , agus a ' cumail sùil air an rathad - iaruinn

Powered by CQPWeb