Displaying extended context for query match in text 217001
    

mar a thug sinn cheana fa near , “ populi Caledoniam incolentes .
 
Rutilae comae , magni artus Germanicam originem adseverant .
 
” Bha eadar - dhealachadh nach bu bheag eadar iad agus na Ceiltich Bhreathannach .
 
O laithean Sheveruis ( anns an dara linn an déigh Chriosda ) bha na Cruithnich ' nan dragh agus nan cunnart do cheannas nan Rómanach am Breatunn .
 
Bha iad , mar an ceudna , ' nan eire thruim do na Ceiltich , a bha ' nan ìochdarain aig na coigrich uaibhreach .
 
O mheadhoin ' na ceathramh linn , chinn cumhachd nan Cruithneach na bu mhò agus na bu mhò an lorg a ' chuideachaidh a bha iad a ' faighinn o ' n coimhearsnaich an Eirinn .
 
Feumar a chuimhneachadh gu ' n d ' fhuair Agricola cuireadh o aon de chinnich na h - Eireann gu dol thairis do ' n eilean sin agus oidhirp a thoirt air a cheannsachadh .
 
Rinn so daimh a chruthachadh eadar Cruithnich na h - Albann agus Sgottaich na h - Eireann .
 
Aig toiseach na cóigeamh linn chaidh na feachdan Rómanach a tharruing gu buileach air falbh á Breatunn ; agus , an sin

Powered by CQPWeb