Displaying extended context for query match in text 100
    

Mhuirich nach soradh A chonspairn ud ial , Dream fhuilteach gun mhor - chuis Dha ' n coir a bhi fial , Gur gaisgeil fior - sheolta , Ar mor thionail chiad , Ni sibh spoltadh air feolach A stroiceadh fo ' n ian .
 
Tha Granndaich mar b ' abhaist Mu bhraidh uisge Spe , Fir laidir ro - dhaicheil Theid dan anns an streup , Nach iarr cairdeas no fabhar Air namhaid fo ' n ghrein , ' S i n - ur làmhach a dh ' fhàgas Fuil bhlàth air an fheur .
 
Tha Frisealaich ainmeil Aig seanachaibh nan crioch , Fir gharbha ro chalma , ' Ur fearg cha bu shi ; Tha Catanaich foirmeìl Si ' n armachd am miann , ' An cath gairbheach le ' r n - armaibh A dhearbh sibh ' ur gniomh .
 


[TD 22]

Clann - Choinnich o thuath dhuinn Luchd bhuannachd gach cìs ; Gur fuasgailteach , luath - lamhach ' Ur n - uaislean san stri ; Gur lionmhor ' ur tuadh - cheathairn Le ' m buailtibh de nì ; Thig sluagh dùmhail gu ' n chunnta A dùthaich Mhic - Aoidh .
 
Nis o chuimhnich mi

Powered by CQPWeb