Displaying extended context for query match in text 234002
    

dha mar a bha cùisean a ' seasamh .
 
“ An cealgair dubh , ” ars an tàillear , “ tha mi tuigsinn gu math a nis ciod am feum a bh ' aige air mo chrios - tomhais an latha roimhe ; na ' n robh fhios agamsa gur ann dol a thomhas na muice a bha e le m ' chrios , cha d ' fhuair e òirleach dheth .
 
Ach fuirich ort , bithidh ' car ùr an ruidhle ' bhodaich ' s car eile an adharc an daimh , ' ma ' s fhiach sinne ar brochan , a Dhùghaill .
 
” Gun tuilleadh air no dheth , shocraich na seòid gu ' m bruidhneadh iad ri dhà no trì de òigridh a ' Chlachain agus gu ' n goideadh iad muc Dhonnachaidh Thiorraim á tigh - nan - cairtean .
 
Thàinig Di - luain ; mharbh Donnachadh Tiorram a ' mhuc , chroch e i an tigh - nan - cairtean , agus chuir e fios a dh ' ionnsaidh Dhùghaill Ruaidh mar a gheall e .
 
An déigh bheul na h - oidhche thàinig Dùghall Ruadh an taobh a bha Calum Tàillear , agus goirid

Powered by CQPWeb