Displaying extended context for query match in text 121
    

e dha cheana : gidheadh , a dhain - deoin gach cùis chuir bean Bhaòsdail ceithir searragan branndaidh agus iomadh goireas eile a dh ' ionnsaidh Thearlaich le Mac - Leòid .
 
Air an treas òidhche chaidh iad n ' a b ' fhaide air an aghard gu ceann shuas Loch - Bhaósdail far an dh ' fhan iad fad dà òidhch ' eile ; ann an so chual iad gun robh an luchd - tòrachd air iathadh mu ' n timchioll air gach làimh .
 
Air ball thriall Tearlach gu Beinne - Mhaol a ' giùlan leine fo gach achlais , agus cha leigeadh e le duine dhe a ' luchd - leanmhuinn an t - slighe so a ghabhail maille ris , ach O ' Neill a mhain .
 
Réir mar bu chùimhne le Dòmhnull Mac - Leòid , b ' ann air a cheathramh latha fichead de mhìos mheadhonach an t - Sàmhraidh a ghabh am Prionnsa ( faodaidh mi ràdh ) a chead siorruidh , de ' n triùir dhaoine dealaidh a dhlù - lean ris fad ochd seachduinean fo iomadh gàbhadh agus dosgainn .
 
Mun do dhealaich e riu thug e tastan ' s an latha

Powered by CQPWeb