Displaying extended context for query match in text 218004
    

is àbhaistean nan Sasunnach .
 
Chaith iad an cuid a ' feuchainn ri cumail suas ris na Sasunnaich , agus b ' éiginn daibh an oighreachdan a reic do ' n choigreach .
 
Tha iad so — na coigrich , agus na h - uaislean dùthchasach a tha leantainn àbhaistean nan coigreach — a ' milleadh an t - sluaigh le baoth - shuairceas a tha gintinn miodail , ' s neo - eismeil ' nam measg , agus dubhailcean eile nach ' eil Gàidhealach .
 
An àite neo - eismeileachd , fialachd , fearalas , spionnadh is misneach is brochan , gheibhear miodal , brosgul , déigh air airgead , anfhannachd , gealtachd is tea .
 
' S e ' n leigheas is fèarr gus na dubhailcean ud a ghlanadh á càil nan Gàidheal : eòlas air eachdraidh , cànain , ceòl is litreachas nan Gàidheal a leudachadh ' nam measg — gu sònraichte eachdraidh nan linntean ud nuair a bha na Gàidheil ' nan sluagh cumhachdach , ealanta , ionnsuichte .
 
Cha bhiodh e ' na chall fuathasach mòr ged a dhubhadh as gu buileach eachdraidh nan linntean sin nuair a bha Clanna nan Gàidheal ' nan sluagh borb

Powered by CQPWeb