Displaying extended context for query match in text 81008
    

ma dheidhinn ged a bha ' n gnothach roimh - orduichte gu tur ma thimchioll .
 
Chaidh fhaicinn agus aithneachadh .
 
Iadsan — oir bha dithis ann — a fhuair am mach e , lorgaich iad an spuinneadair neo - shealbharra thun an ionaid anns a robh e ri coinneamh a chumail ri Eilidh ; ' n uair a chunnaic iad e stad ann a sin , chaidh fear dhiubh gu grad a thoirt an fhios thoirteil so do ' n t - siorram am feadh a dh ' fhuirich am fear eile ' cumail faire air an neo - amharasach mhi - shona .
 
' N uair a rainig a chiad fhear an Siorram “ Ciod a ' bheireadh sibh a Mhr .
 
Sìorram , ” ars ' esan , “ arson fios fhaotainn air a cheart bhad anns am bheil am fear reubainn , Mac - a - Phearsain air a mhionaid so ?
 
” “ Cha mhor sin a dhuine , ” ars an Siorram , “ ni ' s lugh na bhiodh e ann an suidheachadh a bhiodh e coltach gu ' m b ' urrainn mi ghlacadh .
 
Bha fiosam féin far an robh e ciad

Powered by CQPWeb