Displaying extended context for query match in text 102005
    

bean a tha mar mise , A ' dòrtadh ionmhas a gaoil Far nach fhaigh i meas no pris air , Gus an ruig i crioch a saoghail .
 
' S ged tha mise leth mo latha ' M folach am broilleach an loch , Eadar tràghadh agus lionadh Bheir mi do ' n iotmhor a dheoch .
 
' S ged nach tig a ghreadhan uallach , Dh ' iarraidh fuarain feadh nan clach , ' S tric ag òl dhe ' m shruthain fhior - uisg An eala , an gèadh , us an lach .
 
' S ged bhithinn gu flurach ' s na tolmain , No an innis ghuirm na tùis , Cha deanadh tu fhein dhomh òran , ' S cha ' n fhaiceadh tu bòidhchead nam ghnuis .
 
Cha dean mi ' n cladach na ' s grinne , ' S ris a ' chuan cha bhi mi ' stri , Ach bheir mi mo shruthan gu milis Do ' n àite anns ' na chuireadh mi .
 
MAIRI NIC - EALAIR .
 
St .
 
Petersburg , a ' s t - fhoghar , 1875 .
 
COMHRADH EADAR MURCHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR .
 
M .
 

Powered by CQPWeb