Displaying extended context for query match in text 400002
    

air chois Buidheann Baidmeantan Dhuisdeil .
 
Thaisbean iadsan do bhuidhnean eile mar

[TD 85]

bu chòir do ' n chleas so a bhith air a chluich le cluicheadairean barraichte Dhuisdeil .
 
Chuir sinn air bonn cuideachd Buidheann Ruidhlearan Dhuisdeil , Buidheanan Dràma Dhuisdeil , agus Cròilean an Dà Sheallaidh .
 
Dh ' iarr cuideigin buidheann iomain a bhith air a stéidheachadh cuideachd , ach shocraicheadh dàil a chur an so gus am fiosraich sinn tuilleadh mun chleas neònach so .
 
“ Fhuair an comunn so cuireadh iad fhéin a cheangal an dàimh ri comuinn mhór eile , coltach ri Comunn nan Cruithneach , Comunn nan Crònan , Co - chomunn nan Comunn , agus mar sin air adhart .
 
' Se ar riaghailt - seòlaidh - ne sinn féin a cheangal ri comunn sam bith nach eil cheana ceangailte rinn .
 
' Se bhuil a th ' ann gu bheil sinn ceangailte a mhàin ri Co - chomunn nan Comunn .
 
Phàidh iadsan a ' chìs a dh ' iarr sinn , dà ghini : agus phàidh sinne dhaibhsan a ' chìs a dh ' iarr iadsan , aon ghini .
 
Tha mi an dòchas gum bi ar beachdan an còmhnaidh farsuinn

Powered by CQPWeb