Displaying extended context for query match in text 400177
    

e Beurla a bu trice a bhiodh aige , na leigeadh tu leis , ach bhiodh na daoine a ' cumail na Gàidhlige ris a dh ' aon rud , airson nach biodh e ro - mhòr ás fhèin .
 
Duine sgoinneil e ' na latha , a bha a - nis air a dhol gu culaidh le brù mhòr agus gruaidhean mòra , dearga anns an robh na sùilean beaga , seòlta ud a ' deàrrsadh mar dhearcan dubha .
 
Duine carach mar an t - sionnach le mòran eòlais air taobh ìosal a ' chinne - daonna is amharasach dhe na h - uile .
 
Ach bha e a ' còrdadh math gu leòr ri muinntir na sgìre seo oir bha a leisge ' s aois ga chumail aig an taigh mar a bu trice , far am b ' fheàrr leis gu mòr a bhith ' na shuidhe ri taobh an teine le pinnt ' na làimh ag èisdeach ris an rèidio .
 
Bha na ceannardan aige ro - thrang a bhith ga sgiùrsadh .
 


[TD 57]

3 .
 
Bha ' n t - einnsean air a dùnadh sìos cho mòr ' s nach cluinnear ach dranndan gu h

Powered by CQPWeb