Displaying extended context for query match in text 35
    

aig an taigh - sholuis , timchioll air astar mìle .
 
Thug iad cairteal na h - uarach do fhear na rothair agus chuir Aonghas a dhà bhois mu bheul agus dh ' éigh e , “ Bhrist na lofaichean , beathach òg .
 
” ' Se thubhairt balach Shiaboist a rithist , “ Cha chreid mi nach cuala iad sud aig taigh - sholuis a ' Charbh .
 
” ' Se fìor àite aosda tha ' n Eòropaidh .
 
Bha àitean adhlaic agus an dòigh adhlaic a bha aca toirt soillearachd dhuinn air daoine bhi seo nach robh araon Cruithneach

[TD 101]

no Lochlannach , agus air nach eil eachdraidh sgrìobhte toirt cunntas .
 
Tha beul - aithris a ' toirt cunntas air troichilean dhaoine beag a ' faighinn an ionad - fasdail mu dheireadh air Eilean an Luchraban — no , is dòcha , Lebruachan — air cùl Rubha Rodhanais .
 
Chan e gu bheil cinnt air seo , ach bha na togalaichean a bha ann agus a chunnaic mi fhéin , mas do chuir mìlltearan ri talamh iad , ann am meudachd a bha co - fhreagrach ris an t - seòrsa dhaoine seo .
 
Tha bunait Eaglais Rònain

Powered by CQPWeb