Displaying extended context for query match in text 207002
    

Feasgar chaidh e dhachaidh , agus an crodh sàbhailte , glan aige , a h - uile gin diubh .
 
Choinnich an rìgh e ' n uair a chaidh e dhachaidh , ' s thubhairt an rìgh ris , “ Fhuair thu ' n crodh gu sàbhailte dhachaidh .
 
” “ Fhuair , ” ars esan ; “ carson nach fhaigheadh .
 
” Cha do ghabh e air ris an rìgh gu ' d é ' chunnaic e no ' thachair ' air .
 
Chuir e stigh an crodh is bhiadh e iad , ' s chuir e air am brochan .
 
' N uair a ghabh e ' shuipeir chaidh e ' luidhe .
 
' N uair a dh ' éirich e ' s a ' mhaduinn rinn e ' bhrochan , ' s ghabh e e .
 
Leig e ' mach an crodh an sin is shaodaich e ' mach ri badan coille ' s ri sliabh monaidh iad , agus thug e ' choill ' air , ' s thòisich e ri buain shlatagan .
 
Cha robh e fad ' an sin ' n uair thàinig famhair mòr a bu mhò na ' m fear a bh '

Powered by CQPWeb