Displaying extended context for query match in text 102005
    

meas gur airidh am bannal so air an Eachdraidh innseadh ' n an cainnt fein .
 
Cha ' n ' eil an tùrn air aon chor soirbh a dheanamh .
 
Is ann ' s a ' Bheurla a rinneadh na chaidh a dheanadh ' s an rathad so ; agus eadhon anns a ' Bheurla cha ' n ' eil cunntas coimhlionta againn mu Litreachas ar Sluaigh .
 
Cha ' n e mo rùn an t - àite falamh a lionadh .
 
Ma thig aon air aghaidh a ghabhas os laimh an obair so a thoirt gu crich shoirbheachail , bhithinn taingeil na ' m faigheadh e anns na leanas cuideachadh ' n a shaothair ; agus chuirinn an cuimhne mo Luchd - duthcha an Sean - fhocal fior : “ Is trian obair toiseachadh .
 
” Toisicheamaid , ma ta , leis na LAOIDHEAN .
 
Tha mi ' n dochas gu ' n gleidh an Leughadair air chuimhne nach e mo rùn a bhi toirt breth air a ' ghnè theagaisg a gheibhear ann an Laoidhean no , mar theirear , Dàin spioradail ar Duthcha .
 
Co - dhiu tha ' n teagasg fallain no mi - fhallain ; co

Powered by CQPWeb