Displaying extended context for query match in text 400165
    

dusan ' s mar sin air adhart .
 
A h - uile uair Tormod an tubaist air choreigin , ' s cho cinnteach ri sin Iain a ' gabhail a leisgeul ' s ga dhìon o thoradh a mhì - mhoidh fhèin .
 
Tormod aig seachd bliadhn ' deug a ' bualadh a - staigh sa ' chamhanaich , aodann mar an t - anart ' s anail ' na uchd .
 
A bhòtannan mar a thàinig e às an abhainn leotha , a cheart cho fliuch ris a ' bhradan a bha e falach fo sheacaid .
 
An geamair amharasach , feargach a ' gnogadh gu làidir air an doras , a ' ceasnachadh ' s a ' dèanamh casaid .
 
Ach ' s beag a bh ' aige air a shon ' s Iain gun sòradh ag àicheadh gun do dh ' fhàg Tormod a leaba fad na h - oidhche .
 
A - nis Tormod aig naoi bliadhn ' deug sa ' chàs a bu truaighe san robh e riamh .
 
B ' fheàrr le Iain na ' n ulaidh a bu luachmhoire air thalamh gum b ' urrainn dha dhol air a mhionnan nach robh Tormod a

Powered by CQPWeb