Displaying extended context for query match in text 110
    

Boinneid dhù - ghorm thig o ' n bhùth A théid na crùin g ' a ceannach dhuit , Fo bhàrr gu leòir do dh ' ite ' n eoin An òrdugh mar is maith leat i .
 
Dh ' fheumadh e bhi calm ' agus Earbsach gu ' m bu ghaisgeach e , Am fear a gheibheadh eanachainn Gu dol a thairgse batailt dhuit ; ' S ann leat fhéin a dhearbhta Bhi fear - bhuileach , acfhuinneach , ' N uair rachadh tu fo ' t ' armaibh Ge meamnach , dealbhach , tartarach .
 
Thig bho t achlais paidhir dhag ' Nach diultadh srad ' n uair bhuineadh i Do dh ' fhudar sgairteil nach ob lasadh , Luaidhe bhras ' na deannaibh leis ; Biodag ghlas bu chairgneach cas , Gu tairgneach , cnapach , meallanach ; Bhiodh sud air t ' fhasdadh , ' s lann chinn - aisnich , ' S gàirdean gasda leanadh i .
 
' N uair dh ' éireas bratach riomhach A ' Chòirneil rioghail , Earraichdaich , ' Ga sgaoileadh ri crann dìreach ' An àm dol sios gu caithreamach ; Am fìùran gasda , dìleas , Mar mhaighdean air thi

Powered by CQPWeb