Displaying extended context for query match in text 207002
    

gu bheil thu ' ad bhuachaille cho math .
 
” An sin rinn Lod muinntearas ris an rìgh , agus fhuair e ' n tigh a chur an òrdugh , agus an leaba ' s a ' mhin .
 
Chaidh an crodh a liubhairt dha ' n sin airson am buachailleachd .
 
Chuir e air teine , ' s rinn e ' bhrochan .
 
Bha so mu fheasgar .
 
' N uair a ghabh e ' shuipeir chaidh e ' luidhe .
 
Moch an là ' r na mhàireach dh ' éirich e , ' s rinn e ' m brochan , ' s ghabh e e mu ' n d ' fhalbh e leis a ' chrodh .
 
Dh ' fhalbh e ' n sin leis a ' chrodh , ' s an lorg ' n a achlais aige .
 
Bha feadag aige ' g a séideadh as déigh a ' chruidh , agus shaodaich e ' mach ri sliabh monaidh iad .
 


[TD 285]

[ Beurla ]

[TD 286]

Bha badan coille an sin , agus chaidh e stigh ann a bhuain shlat .
 
Cha robh e fada stigh ' s a ' choille ' n uair a chunnaic e famhair

Powered by CQPWeb