Displaying extended context for query match in text 400165
    

a ' chuid eile dhen fheasgar a ' toirt naidheachdan na dùthcha dha chèile gus an tàinig àm dhol a laighe .
 
Thug i an uair sin iad sìos chun an t - seòmar bheag a bha ann an ceann eile an taighe , far an robh leabaidh chomhfhurtail de fhraoch tioram air an robh brat mòr sgaoilte agus ghuidh i oidhche mhath dhaibh .
 
Bha iad le chèile gu math sgìth ach ged a chaidil Màiri gu math luath cha b ' ann mar sin le Dòmhnall .
 
Bha esan a ' faireachadh gu math neo - shuidhichte , amharasach ' na inntinn , agus chuir e roimhe gum fanadh e ' na dhùisg cho fad ' s a b ' urrainn dha .
 
Leis gum b ' e an Og - mhìos a bha ann cha do thuit dubh - dhorchadas idir ach mar gum bitheadh eadar - dhà - sholas fad na h - oidhche .
 
Mu mheadhon - oidhche mhothaich Dòmhnall gun robh cuideigin a ' fosgladh doras na seòmair aca gu sàmhach agus chunnaic e , le shùilean leth - dhùinte , a ' chailleach a ' tighinn a - steach .
 
Ghabh i a -

Powered by CQPWeb