Displaying extended context for query match in text 33
    

ri laoich na Féinne , dh ' fhàg Cù Chulainn a sheula air Eirinn roimh linntean na h - eachdraidh .
 
Is dòcha gu robh na Ceiltich , anmoch ann an Linn an Iaruinn , a ' toirt buaidh air na Cruithnich a bh ' ann rompa an Eirinn agus an Albainn aig an àm seo — ged nach do chuireadh ás do na Cruithnich mar luchd - riaghlaidh gu meadhon na naodhamh linn A .
 
D .
 
, nuair a phòs Coinneach MacAlpainn ban - oighre a ' chrùin Chruithnich , ag aonachadh rìoghachdan nan Gaidheal ' s nan Cruithneach an Albainn .
 
Cha bu chòir dhuinn a bhi cur an neo - shuim a ' bhuaidh a bhiodh aig còmhlan de laoich mhóra bhàna air sluagh a bha beag agus dorcha .
 
Tha e fhathast rathail mas e duine dorcha a thadhlas an toiseach na Bliadhn ' Uire , agus is dòcha gu bheil seo mar chuimhneachan air an àm nuair a b ' e na Lochlannaich a bha ' nan strainnsearan bàna , ' s gun rath no furan ' nan cois .
 
Mas e seo a th ' ann , tha an saobh - chràbhadh air leantainn

Powered by CQPWeb