Displaying extended context for query match in text 102004
    

A ' s siubhal fad bho ' n àite sin ' S an robh mo ghràdh a ' s m ' ùigh , A sheasamh anns na blàir , An aghaidh nàmhaidean ar dùthch ' : — ' S an latha dh ' fhàg mi ' m Bràighe Righ !
 
bu chràiteach m ' aigne , brùit ' !
 
O !
 
sid am fonn a chuala mi , ' S a chuaileinich mu m ' chrìdh ' , I ' s tric a dhùisg dhomh sealladh Air mo leannan , ' s air mo thìr ; An uair a bhithinn airtealach , ' N am chairtealan , le sgìos , Gun taislicheadh e m ' anam , ' Nuair a chanainn e leam fhìn !
 
Ach thog am fonn an tràsa dhomh , Fàth cànrain agus bròin ; Oir dhuisg e iomhaigh Màiri A ' s mo mhàthar , ' s iad fo ' n fhòid — Gach caochladh agus sàrach Thainig air na Gàidhil chòir , Bho ' n àm ' s na bhuail an dùn ud mi Le gràdh , ' n uair bha mi òg !
 
— Am Fillidh .
 
AONACHD A ' CHINNE - DHAONNA .
 

Powered by CQPWeb