Displaying extended context for query match in text 400164
    

a làmhan teòma a ' deasachadh Ailean ' na aodach .
 
Nuair a dh ' fhalbh Rob bha màthair Anna air a fòn gu Màiri anns an ospadal is dh ' innis i dhi mun chleas a bh ' aig na pàisdean .
 
“ Dè bh ' ann ach gòraich na h - òige ” ars ise aig nach robh fios gun robh Iain am beachd banntrach a dhèanamh dhi .
 
Rinn Màiri gàire ach cha duirt i ach gum b ' fheàrr leatha cleas eile a bhith aca is bha i air a faicill is aithne aice air cho amharasach is a bha Iain .
 
An lùib sin bha a h - uile nì gu blàth , foiseil aice mu choinneimh oir bha gnè de thruas aice ris ged aig an aon àm a bha i air a gonadh le chasaidean gun bhunait .
 
Nuair a thàinig e staigh thug i sùil ealamh air is ar leatha gun robh e air sùghadh , air fàs aosda .
 
Thuirt i gu sùnndach , “ A chiall bithidh an t - acras ort .
 
Tha ' n obair sin agad air a ' bheatha a thoirt dhìot .
 
Tha mi feitheamh ri

Powered by CQPWeb