Displaying extended context for query match in text 33
    

am fear as coimhlionta tha air sgeul , broch Eilean Mhousa an Sealtainn , agus tha deagh eisimpleir cuideachd an Càrlabhagh an Leódhas .
 
' Sann gu dìon a lorg a chaidh na dùin seo a thogail agus chan e naidheachd na sìthe a tha air innse dhuinn a bharrachd leis na tighean - fo - thalamh agus na tighean air an togail air eileanan air an ùr - dheanamh ( na crannagan ) , a bha air an togail anns an aon aimsir .
 
Is dòcha gur h - e teachd nan laoch móra bàna a - measg nan Cruithneach beaga dorcha a dhùisg na sgeulachdan mu laoich - fhamhairean , laoich na Féinne .
 
Bha iomradh air na laoich sin ann an Eirinn ' s ann an Albainn .
 
Dh ' fhàg iad fhéin agus an rìgh aca , Fionn Mac Cumhaill , làrach air inntinnean an t - sluaigh ann an Albainn , as bith dé na fìor euchdan a rinn iad .
 
B ' e Oisean , am bàrd , mac Fhinn .
 
Anns an sgeulachd mhóir Eireannaich Táin Bó Cúailnge ' se Cù Chulainn an laoch mór ' s chan e Fionn , agus buinidh an

Powered by CQPWeb