Displaying extended context for query match in text 400161
    

sheanair , ' s e DS a tha aig Dòmhnall Seatha agus aig Donnchadh Stiùbhard , ' s nan cuireadh Dòmhnall toll sa ' chluais dheis còmhla ris a ' bheum ' s an t - sulag , bhiodh na h - aon chomharran aige ri Donnchadh .
 
' Stad an seanair ' s a phìob leathach slighe suas gu bheul ; bha fhios aige glè mhath gun cuala Donnchadh is Dòmhnall na thuirt Eògan , ' s a dh ' innse na fìrinn , nuair a sheall e fon t - sùil orra , shaoil leis gu robh sùil amharasach acasan air a chèile .
 
Gun teagamh , cha b ' urrainn Donnchadh an toll a bha an cluas nan caorach aige dhùnadh suas , cho farasda ' s a dh ' fhaodadh am fear eile toll a chur an cluasan an treud aige fhèin , ach dhùisg an t - amharas , agus dè as mios na e airson daoine is co - chuideachd a chur a - mach air a chèile .
 
Càite an d ' fhuair Eògan grèim air a ' bheachd annasach a bha seo cha b ' urrainn an seanair smaoineachadh air ; bha e

Powered by CQPWeb