Displaying extended context for query match in text 108
    

a ' sguabadh na fairge , agus siubhal nam marcaiche - sìne eagalach a

[TD 337]

mach air a ' chaol .
 
“ Nach dubhairt mi ribh ?
 
” ars ' an cléireach , “ tha na doideagan Muileach beò fhathast ; aotromaichibhse oirre .
 
” ' S a ' cheart àm so bhuail oiteag choimheach am bàta , luidh i thairis , leig an cléireach as tarruing an t - siùil mheadhoin , dh ' aotromaich e oirre mar an ceudna leis an sgòd ; ach coma cò dhiùbh , thàinig glumag mhaith fhairge stigh air an taobh leis mu achlais tobhta a ' chroinn .
 
“ Tàirngibh air falbh , ” ars ' an cléireach , “ gu fasgadh an rudha , gus an cuir sinn fo shiùil aotrom i .
 
” B ' éigin so a dheanamh , thugadh a stigh an seòl - meadhoin , ghrad tharruing an cléireach a mach an sgian dubh agus mu - m b ' urrainn am ministeir a ràdh gu - m b ' olc , ghrad ghèarr e ' mach na bha de ' n Léine - bhàin ' s an t - seòl , agus thilg e ' mach air

Powered by CQPWeb