Displaying extended context for query match in text 102004
    

thainig smuaintean comharraicht ' ' n a cheann .
 
Ghlac e ' phiob , ' s thòisich e air seideadh suas .
 
A cheud sgal a leig an dos mòr , de rinn na madaidh - allaidh ach teicheadh ' n an deann , mar gu ' n robh iad air beucaich leomhainn a chluintinn !
 
' N uair a chunnaic Domhnull a ' bhuaidh a bh ' aig a ' phiob , ars esan , “ M ' anam - sa , na ' m b ' fhios dhomh gu ' n còrdadh an ceòl cho math ribh , bhithinn air a thoirt dhuibh roimh ' n t - suipeir , ' s cha ' n ann air a deigh !
 
” AN COILEACH AGUS AN SIONNACH .
 
Bha sionnach roimhe so moch madainn shamhraidh ag gabhail an rathaid seach tigh tuathanaich , ' s rachar a chas an gòisinn a chaidh a suidheachadh air a shon .
 
Bha coileach òtraich air iris greis bhuaithe , agus chunnaic e mar a thachair .
 
Cha leigeadh an t - eagal leis tighinn faisg air gille - nan - car , ach , le an - amhurus , bha e tialadh ,

Powered by CQPWeb