Displaying extended context for query match in text 400157
    

uidhe , chaidh an tarraing air beulaibh ceann - feadhna na trèibh .
 
A - reir a choltais , b ' e duine duainidh , durranta a bha ann – fuirbidh mòr fo fhionna is fo fheusaig , is sgeadaichte bho mhullach gu bhrògan an gùn a bha uaireigin geal .
 
“ Ghearradh an siad seo ar sgòrnain bho chluas gu cluais gun ath - smuain , ” chagair Ali ri chompanach .
 
“ Cò sibh is co às a tha sibh ?
 
Dè an èideadh airm a tha agam an seo ?
 
” dh ' fharraid e gu droch amharasach .
 
“ Thàinig sinn à Baile Khuwait , is tha sinn air an t - slighe gu Saudi Arabia .
 
Ghoid sinn an t - èideadh air na h - Iaracaich .
 
Cha robh seòl eile againn air dol às , ” fhreagair Ali .
 
“ Seo sealladh air na pàipearan againn .
 
” An dèidh na pàipearan a gheur - sgrùdadh , thilg e mach smugaid mhòr is thubhairt e gu biorach : “ Dithis ghealtairean a ' toirt an casan leo bho Shaddam Hussein .
 
Is e culaidh - nàire a tha annaibh le chèile .
 
” “

Powered by CQPWeb