Displaying extended context for query match in text 315
    

iongnadh , oir , a thuilleadh air a ' choibhneas a tha ann — agus gu h - àraidh ris an aois — dh ' fhaodadh e an agairt seo a dhèanamh : nil Gadelicum a me alienum puto .
 
Tha a ' bhuil air , gu bheil eòlas anabarrach aige air cainnt is eachdraidh is beul - aithris gach cinnidh is gach ceàrnaidh anns a ' Ghàidhealtachd ; ach tha e ' na fhear - eachdraidh cumhachdach air an dòigh as fharsainge cuideachd , agus chan eil a choltas air gun téid e air bhoile le fìon nan Cruithneach , misg nan sgoilearan Gàidhealach .
 


[TD 290]

Tha gibht bheairteach bheothail aig an Ollamh MacMhathain anns na cànainean .
 
Dh ' fhaodadh nach eil e ag gabhail air fhéin gu bheil fichead cànain aige , ach tha gu leòr .
 
Chunnaic mi mar a dh ' ionnsaich e an Fhraingeis — na fhuair e de eòlas ann an ùine cho goirid , agus chan eil aon teagamh nach eil e nas coimhlionta an Gàidhlig na h - Eireann na tha sgoilear Eireannach sam bith an Gàidhlig na h - Albann , agus uime sin cha robh ann ach mullach an

Powered by CQPWeb