Displaying extended context for query match in text 102001
    

Bha eòlas na sula ann , a bheireadh smuirnean as do shuil ge ' d robh thu miltean air falbh o ' n neach a rinn an t - eolas ; agus aireamh mhor eile de ' n cheart seorsa , a bha freagarach air son gach eucail agus anshocair air an cualas riabh iomradh .
 
Ach tha na nithean so uile a ' dol air chùl agus is maith do na leighichean gu ' m bheil , oir na ' n rachadh aig na seana chailleachan mar so air gach leigheas a dheanamh , tha eagal orm nach biodh brochan nan Doctairean bochda ach tana gu leoir .
 
Bha dà chungaidh leighis air an cuala mi iomradh ' sa ' chearnaidh d ' an duthaich san deacha mo thogail , a bha aithnichte a reir aogais thar chearnan eile de ' n Ghaidhealtachd , oir chunna mi cunntas ro thaitneach air a thoirt orra leis a ' Ghaidheal smearail sin , “ Bun - Lochabar , ” a tha deanamh na h - urrad air son sean nithe Gaidhealach a chumal air chuimhne .
 
Feumadh mi a radh ' san dol seachad gu ' m bheil “ Bun - Lochabar

Powered by CQPWeb