Displaying extended context for query match in text 16
    

Ghlaschu .
 
Agus na pàipearan ?
 
Bha e air a bhith ro thrang o chionn ghoirid airson mòran leughaidh a dhèanamh , ach chuimhnich e air pàirt dhe na sreathan - cinn dhan tug e ' n aire anns na pàipearan .
 
.
 
.
 
rudan ceangailte ri drugaichean a - measg nan deugaich .
 
.
 
.
 
' s na daoine dubha , spreadhaidhean ann an Glaschu agus ann am bailtean Shasainn agus cuid de bhuill - pàrlamaid ag èigheach ag iarraidh riaghaltas smachdail .
 
Bha e soilleir gun robh e - fhèin ann an cunnart .
 
Feumaidh gun robh iad amharasach mu dheidhinn ma dh ' innis an Seàirdeant MacCoinnich dhaibh mun chòmhradh a bha aige ri MacPhàil agus ma bha fhios aca gun robh e cur cheistean mu bhàs MhicPhàil .
 


[TD 31]

“ Feumaidh mi pàipear - sgrìobhaidh fhaighinn !
 
” thuirt e ris fhèin .
 
Bha e togail duilleagan paipear - sgrìobhaidh bho bhòrd ann an rùm - suidhe an taigh - òsda nuair a phut cuideigin a ghaoirdean .
 
Chlisg Alasdair ann an leithid do dhòigh ' s gun do bhrùchd fallas a - mach air a mhalaidh .
 
Leig e osna faochaidh às nuair a chunnaic e

Powered by CQPWeb