Displaying extended context for query match in text 217001
    

ahebhttmnn : hccvvevv : nehhtonn .
 
Có nach cuir aonta gu togarrach ris na briathran aig an Ollamh Alasdair Mac Bheathain nach buin an toimhseachan so “ do ' n chainnt Chuimrich no do chainnt sam bith eile a chaidh riamh a labhairt air an talamh !
 
” A rithisd deiream gur e beachd nan sgoilearan is fiosraiche agus is cinntiche gu ' m b ' i meur de ' n chànain Iranaich — eadhoin a ' chainnt Cheilteach — a bh ' air a labhairt leis na Cruithnich .
 
Cho fad sa nithear am mach , bha cainnt nan Cruithneach , a thaobh fuaim - chruth , na bu choltaiche ris a ' chainnt Chuimrich na bha i ri Gàidhlig na h - Eireann no na h - Albann .
 
C ' uine thàinig na Goideil — a ' cheud bhuidheann de mhuinntir a bha labhairt na cainnt Cheiltich — a staigh do Bhreatunn ?
 
Tha cuid a ' cumail am mach gu ' n d ' rinn iad an imrich ri Linn - na - Cloiche - Nodha , no aig toiseach Linn - an - Umha — mu ' n cuairt de dhà mhìle bliadhna roimh linn Chriosda

Powered by CQPWeb