Displaying extended context for query match in text 33
    

n t - seòrsa seo cuideachd a ' mèathachadh na h - ùire le bhith a ' cur rithe co - thàthaidhean naitrodean .
 
Tha càirdeas aig luibhean eile ri fungi , agus tha seo a ' leigeil leotha mèinnireilean fhaighinn le nas lugha strì bho ùir a tha gann de mhèinnireilean .
 
Mar eisimpleir air luibhean de ' n t - seòrsa sin tha lus - nam - braoileag .
 
Tha càirdeas de ' n t - seòrsa seo eadar fungi agus iomadh seòrsa craoibh agus badaig — an giuthas , an calltuinn , a ' bheithe agus an aiteann mar eisimpleir .
 
Tha cuid de luibhean flùranach ' nan dìosg -

[TD 108]

anaich , no ' nan leth - dhìosganaich , air luibhean eile ; ' se an t - uil - ìoc an t - eisimpleir as luaithe thig gu ar cuimhne , ach tha móran eile ann , mar a tha lus nan leac .
 
Chan eil an sin ach grunnan beag de sheòrsachan luibhean flùranach a tha beò an diugh .
 
Ma bheir duine cuairt bho àrd an làin air an tràigh , thairis air a ' mhuran ( nach fheum ach glé bheag de dh

Powered by CQPWeb