Displaying extended context for query match in text 218004
    

cheann fada .
 
Air a ' mhachair Ghallda chaidh a ' Ghàidhlig as gu luath , gu sònruichte ' san àirde - ' n - ear is am meadhon na Galldachd .
 
Cha b ' i a ' Ghàidhlig a bu chànain dhùthchasach aig na Goill ; agus cha robh i mòran linntean suidhichte ' sa Ghalldachd .
 
Air an aobhar sin tha e furasd a thuigsinn nach bitheadh e duilich cur as dith le cànain eile , na ' m bi sud a ' chànain a bh ' aig na riaghladairean .
 
Is glé choltach nach robh cànain nan Cruithneach is nan Cuimreach air dol eug aig àm tòiseachadh do ' n Bheurla Shasunnaich a bhuadhachadh .
 
' S e an nì sònruichte a chum a ' Ghàidhlig ' san taobh tuath o dhol as : an dol ' s an tighinn a bha eadar Eirinn is a ' Ghaidhealtachd Albannaich gu ruig linn an Ath - leasachaidh .
 
Cha d ' rinn spiorad an Ath - leasachaidh mòran drùghaidh air muinntir na h - Eireann , is dh ' fhan iad an Eaglais na Ròimhe .
 
Dh ' fhàg Goill na h - Albann , air a ' chuid

Powered by CQPWeb