Displaying extended context for query match in text 203
    

A chleachd a bhith dol air an nearbh aic ' uaireigin , gu ìre ' s gun canadh i , “ Ma chluinneas mi siud aige aon uair eile , ' s iongantach mura leig mi biast mhòr de sgreuch .
 
” “ Tearc an neach am measg an t - sluaigh , ” chanadh i , “ a gheibh buaidh air fhèin .
 
” “ Buail do chuilean – ' s ann thugad a thig e .
 
” “ ' S coma leis a ' ghaol càit an tuit e .
 
” Agus “ ' S math am brochan ' s a bhith staigh .
 
” “ Dè tha dol a thachairt dhuibh nuair nach bi mis ' idir agaibh – bidh sibh mar a bha peathraichean Shanndabhaig .
 
” Agus dh ' innseadh i às ùr an sgeulachd a bhiodh aige fhèin .
 
“ San linn mu dheireadh , nuair a bha a ' Bheurla na crioplach a ' falbh air leth - chois feadh nan Eileanan an Iar , ' s a ' Ghàidhlig fhathast a ' ruith ' s a ' leum fad air thoiseach oirr ' , bha dithis pheathraichean a ' fuireach còmhla ann

Powered by CQPWeb