Displaying extended context for query match in text 102003
    

feuch an dean thu dheth dol a stigh an uair a bhios e fosgailte , gun e ' dheanamh greim ort .
 
” “ ' S fearr dhuitse fheuchainn an toiseach , o ' n a ' s tu ' s eolaiche .
 
” “ Bithidh e cho math .
 
” Thug am fitheach beic agus godarleum , ' s chaidh e ' stigh ; ach thug an dorus it ' á bun a ' sgeith , ' s sgreuch e .
 
“ Iain bhochd !
 
na ' m faigheadh tusa ' stigh air cho beag doruinn riumsa , cha bhithinn a ' gearan .
 
” Ghabh Iain roid air ais , ' s roid air aghaidh ; thug e leum as a dhol a stigh ; rug an dorus air , ' s thug e leth a ' mhàis deth .
 
Ghlaoidh Iain , ' s thuit e fuar marbh air urlar an stabuill .
 
Thog am fitheach e ; ' s ghiulain e air barraibh a ' sgéith e , mach as an tigh , do thigh an fhamhair .
 
Leag e air bord e , air a bheul ' s air a shroin ; chaidh e mach ;

Powered by CQPWeb