Displaying extended context for query match in text 400154
    

an latha b ' fhaide dh ' fhairich e riamh ' na bheatha .
 
Cha robh dad a ' cur dragh air ach a sheanmhair , dè thachradh dhi nuair a dh ' fhalbhadh e ; nuair a bheirisde uaipe an aon adhbhar a bha aice air son fuireach beò – e fhèin .
 
Cha d ' innis e dhi dad mun fhalbh ; bhiodh e ro chunnartach innse eadhoin dhìse .
 
Cha mhòr an rud ' na cainnt , ' na giùlain , ' na gluasad fo iomagain a bhrathadh i agus esan do shùilean ' s do chluasan amharasach chàich san teaghlach – gu h - àraidh an t - athair .
 
A - mach air cearcall beag na feadhainn a lean na Daoine Saora , cha robh smid ri ràdha .
 
Bhris a ' mhadainn geal grianach an dèidh oidhche chiùin , dhorcha , gun reul na gealach air adhar ; shaoileadh tu gu robh am freasdal air an aimsir òrdachadh gu somharraichte airson na bha fainear dha na h - eilthirich .
 
Aig an àm abhaisteach , chaidh obair a latha chomharrachadh a -

[TD 173]

mach dhan a h - uile duine san teaghlach .
 
An fheadhainn

Powered by CQPWeb