Displaying extended context for query match in text 218004
    

Cruithnich de shliochd na craoibhe P agus , mar sin , bha iad an dàimh ris na Cuimrich .
 
' S e ' n t - ainm a bh ' aig na Cuimrich air na Cruithnich : Prydain ; agus ma chuireas sinn C Gàidhealach an àite P Chuimrich , ' s e th ' againn “ Cruitein , ” focal as am faodadh ' Cruithne , ” an ceann aimsir , gu nàdurra fàs .
 
Nuair thàinig na Gàidheil á Eirinn a dh ' Albainn bhuidhinn iad uachdranachd air na Cruithnich agus bhuadhaich cànain nan Gàidheal air cànain nan Cruithneach .
 
Ach mhair an sud ' s an so ainmean a bh ' aig na Cruithnich air àitean na dùthcha — gu h - àraidh anns an taobh - ' n ear — agus cha ghabh iad sin , mar a thubhairt mi cheana , mìneachadh le Gàidhlig , ach gabhaidh iad míneachadh troimh ' n chànain Chuimrich .
 
A réir sliochd , tha a ' chuid is mò de ' n t - sluagh a th ' anns a ' Ghàidhealtachd de ' n chinneadh Chruithneach , gu sònraichte anns an taobh - ' n - ear is an

Powered by CQPWeb