Displaying extended context for query match in text 199
    

mo cheum dhachaidh , ach mu ' n do rainig mi an tigh , thachair fear eil ' orm .
 
Fear de ' n t - seorsa sin aig a bheil slugadh cho farsaing air son naigheachd fhior no bhreugach , ' s gu sluigeadh e Ionah ' s a ' mhuc - mhara gun uidhir is fiacail a chur orra .
 
Rinn mi deas air a shon ' s dh ' innis mi dha té de na breugan mora sin a bhios mi ' g innseadh do “ Fhionn ” corr uair , ' s rinn mi ' m brochan cho tiugh air a shon ' s gu ' n seasadh maide na poite ann , ach cha do chuir sin gaise air .
 
' S ann a thuirt an duine truagh , ' nuair bha crioch air mo naigheachd ; “ O , dhuine ghaolaich , nach eil fhios gur fior sin ?
 
” Tha mi ' g radh ribh gu ' n duraichdinn a bhreabadh .
 
Bh ' uaithe so , tha mi ' n dochas gu bheil e soilleir dhuibh cho breugach ' s a tha h - uile duin ' ach mi fhein , ' s

Powered by CQPWeb