Displaying extended context for query match in text 400154
    

bha e eòlach gu leòr oirre airson fhios a bhith aige nach leigeadh eagal a beatha leatha bhith dìomhain .
 
Dh ' fhalbh an là sa faodadh mnathan an àite cruinneachadh airson beagan mhionaidean de sheanachas agus spòrs eadar caran oibreach drip a latha .
 
Thog e air sìos an rathad .
 
Agus mar sin chaidh latha an dèidh latha seachad , oidhche às dèidh oidhche .
 
Cha robh choinneachadh na chonaltradh eadar Somhairle agus Raoghnaid ach a - mhàin facal san dol seachad aig adhradh na Sàbaid , na coinneachadh goirid aig an taigh - ghnìomh fo shùil gheur amharasach Aingealag agus Anndra , an dithis a bha ann urra ri oideachadh agus foghlam gnìomhachais na h - òigridh .
 
Ach bha gach latha – agus oidhche – a ' toirt na bu dlùithe a ' cheann - latha airson na h - ìmprich mhòr a - mach às aon saoghal a - steach a shaoghal ùr na saorsa .
 
Cha mhòr gum b ' urrainn Somhairle fuireach : ' s chitheadh e gu soilleir gu robh an aon eud , togradh , an aon chìocras an sùilean chàich an corra uair a thàrradh aige coinneachadh na bruidheann riutha an

Powered by CQPWeb