Displaying extended context for query match in text 400154
    

a tha fìor , ach tha sin a ' togail a cheart uiread de cheistean agus a tha e a ' fuasgladh .
 
An e fìrinn a tha sa ' mhac - meanmainn , no an e a ' bhreug ?
 
( Thig mi air ais chun na ceist sin uair eile ) .
 
Saoilidh mi gu bheil am facal da - rìribh a ' tighinn cho faisg air an fhacal ' reality ' ' s a gheibh sinn .
 
Gu h - àraidh ma nì sinn ainmear dheth agus ma chanas sinn an da - rìribh .
 
Faodaidh an abairt sin gabhail a - steach gach nì a tha am facal ' reality ' a ' gabhail a - steach .
 
2 Am bàrd , am misgear .
 
Tha am bàrd air mhisg mar a tha duine sam bith a tha aʼ faicinn an t - saoghail tro shùilean na h - ealain .
 
Tha e ag iarraidh an da - rìribh a thuigsinn .
 
Ach tha an da - rìribh cho ioma - ghnètheach ʼs gu bheil i do - thuigsinn do reusan .
 
Ciamar a tha e aʼ dol ga tuigsinn ?
 
Dè ʼs urrainn dha a dhèanamh

Powered by CQPWeb