Displaying extended context for query match in text 106
    

uair a shuidh Teàrlach gu ' shuipeir , bha Fionghall air a dheis , agus bean Chinnse - Borgh air a thoisgeul .
 
Choidil Teàrlach deich uairean a thìm ' an Cinnse - Borgh .
 
Ach b ' éigin falbh leis do Phort - rìgh an ath là .
 
Bha solarachadh air a dheanamh air son fhaotainn do eilean Rasaidh an oidhche sin .
 
Dh ' fhàg e tigh Chinnse - Borgh ' san trusgan cheudn ' anns an tàinig e ann .
 
Ach cheangail fear an tighe deadh dheise Ghàelach ann an neipicin , a thug e leis fo achlais gus an d ' ràinig iad bad coille nach robh fad as ; agus an sin mhùth am Prionns ' eudach .
 
Leig fear Chinnse - Borgh slàn leis , ' s ghabh Teàrlach ' us Nial Mac Eachainn air an aghart do Phort - righ , astar cheithir mìle deug , agus giullan òg aca ' na fhear iùil .
 


[TD 400]

Ghabh Fionghall rathad bu ghiorra agus nighean bheag còmhladh rithe , ' s bha i ' m Port - rìgh greis roimh Theàrlach .
 
Choinnich iad a chéile ' an tigh òsd ' a ' bhaile , mu

Powered by CQPWeb