Displaying extended context for query match in text 218002
    

rioghachd nan Cruithneach a tha ceart cho firinneach ris an fhear eile , agus tha e roimh a ' bhuaidh a thug Gàidheil na h - Eirinn air an Earraghàidheal .
 
Tha na Seachd Roinnean air a ' cheud chlàr - ainm a ' nochdadh gu soilleir seilbhean nan Cruithneach .
 
Is i a ' chuid a tha air a ' fagail a mach gu ceart a ' chuid sin a bha aig na Dail Riadianaich .
 
Agus tha so ro chudthromach ; oir tha e ' dearbhadh gu ' n robh pairteachadh air na Seachd Roinnean dualach do na Cruithneach , agus gu ' n robh e aig bun rioghachd na h - Alba .
 
” Ach , mo thruaighe !
 
air son na tha de fhirinn anns a ' bheachd so ( a chur Scene a mach le ' leithid do stri ) , bhuin pairteachadh na h - Alba , a tha air ainmeachadh anns an t - sean sgeul mu Chruithne agus a mhic , do ' n choigeamh linn roimh Chriosd .
 
Ach tha e so - fhaicinn , a nis , gu ' m buin an sean sgeul so do ' n ochdamh , no

Powered by CQPWeb