Displaying extended context for query match in text 400125
    

langan gallanach a ' sianail thar loman cruaidhe nan àm cianail ag innse gu goirid an dragh ' s an fhulangas a bha a bhàrdachd ag adhbhrachadh don bhàrd .
 
Tha mac - meanmainn chumhachdadh anns an dàn ach feumaidh an leughadair a mhac - meanmainn fhèin a chleachdadh cuideachd , agus tha sin cudromach .
 
Mar eiseimpleir , chan eil fhios againn le cinnt mu na h - amannan cianail .
 
Tha faireachdainn agus modh shònraichte anns an dàn .
 
Chì sinn an toiseach gur e aon rosgrann a th ' ann mar gun cantadh e ann an aon abairt .
 
Tha e tòiseachadh gu socair , na coin fada air falbh ; on chòigeamh loidhne tha am modh a ' fàs luath , dian agus cabhagach gus an ruig sinn an loidhne ' coin chiùine cuthaich mo bhàrdachd .
 
' Tha am facal ' ciùin ' a ' cur stad oirnn , ' se annas a th ' ann an dèidh stoirm nan loidhnichean a tha roimhe .
 
Tha an dàn a ' crìochnachadh air modh nas ciùine mar gum bitheadh an tòrachd a ' bàsachadh anns an astar .
 
Tha am modh air fad freagarrach agus aig gach

Powered by CQPWeb