Displaying extended context for query match in text 400151
    

dhan t - sèisd a bhith ullamh bha Dòmhnall air bòrd air soitheach - cogaidh a dh ' fhàg Cala Louisburg a ' dèanamh air Cala Shidni , air neo Abhainn nan Spàinteach mar a theirte ris san aimsir ud .
 
Air an t - slighidh gu port chunnacas seann soitheach - seòlaidh Frangach air a robh siùil gu math riobagach , luideagach a ' gabhail seachad gu fuaradh orra .
 
Ged bu bhochd an coslas a bh ' air a ' bhàta thuagh a bha seo , bha feadhainn air bòrd an t - soithich - chogaidh a bha amharasach nach robh a ' chùis mar bu chòir dhi a bhith .
 
Bha an deasbad a ' dol agus Dòmhnall Og san èisdeachd nuair a thuirt an còcaire , ga chur an cèill anns a Ghàidhlig , “ Ged is broinneagach , salach do choltas , is luachmhor na tha nad bhroinn .
 
” Ghabh Dòmhnall a bheachd fhèin air seo fad greiseig agus chuir e roimhe iomradh a thoirt air briathairean a ' chòcaire dhan chaiptean .
 
Rinn an caiptean dheth gu robh brìgh dha - rìreadh anns na faclan a labhair an còcaire agus ghabh iad a -

Powered by CQPWeb